|
| 1 |
|
| Dèanaibh gàirdeachas anns an Tighearna, sibhse a fhìreanan; do na h‑ionraic tha cliù ciatach. |
|
| 2 |
|
| Molaibh an Tighearna air clàrsaich; air an t‑saltair, inneal-ciùil nan deich teud, seinnibh dha. |
|
| 3 |
|
| Canaibh dha òran nuadh; seinnibh fonn gu h‑ealanta, le fuaim àrd. |
|
| 4 |
|
| Oir tha facal an Tighearna ceart, agus tha a obraichean uile dèante ann am fìrinn. |
|
| 5 |
|
| Is ionmhainn leis ceartas agus breitheanas; de mhaitheas an Tighearna tha an talamh làn. |
|
| 6 |
|
| Le facal an Tighearna rinneadh na nèamhan, agus le anail a bheòil an slòigh uile. |
|
| 7 |
|
| Càrnaidh e suas mar thòrr uisgeachan na fairge; cuiridh e an doimhne suas na thaighean-tasgaidh. |
|
| 8 |
|
| Ron Tighearna biodh eagal air an talamh uile; roimhesan biodh fiamh air luchd-àiteachaidh an domhain; |
|
| 9 |
|
| Oir labhair e agus bha e ann; dh’àithn e, agus sheas e. |
|
| 10 |
|
| Rinn an Tighearna comhairle nan cinneach faoin; thug e innleachdan an t‑sluaigh gu neoni. |
|
| 11 |
|
| Seasaidh comhairle an Tighearna gu sìorraidh, smuaintean a chridhe o linn gu linn. |
|
| 12 |
|
| Is beannaichte an cinneach sin aig a bheil an Tighearna na Dhia dhaibh, an sluagh a roghnaich e mar oighreachd dha fhèin. |
|
| 13 |
|
| O na nèamhan amhaircidh an Tighearna a‑nuas; chì e uile chlann nan daoine. |
|
| 14 |
|
| O ionad seasmhach a chòmhnaidh beachdaichidh e air uile luchd-àiteachaidh na talmhainn. |
|
| 15 |
|
| Chùm esan an cridhe air aon dòigh; bheir e fa‑near an gnìomharan uile. |
|
| 16 |
|
| Cha tèarnar rìgh le meud a fheachd; cha saorar laoch le meud a neirt. |
|
| 17 |
|
| Is dìomhain an t‑each a‑chum tèarainteachd, agus le meud a neirt cha saor e. |
|
| 18 |
|
| Feuch, tha sùil an Tighearna orrasan don eagal e, orrasan a chuireas an dòchas na thròcair, |
|
| 19 |
|
| A‑chum an anam a theasairginn on bhàs, agus an cumail beò anns a’ ghorta. |
|
| 20 |
|
| Feithidh ar n‑anam air an Tighearna; is esan ar cobhair agus ar sgiath. |
|
| 21 |
|
| Oir annsan nì ar cridhe gàirdeachas, a chionn na ainm naomh-san gun do chuir sinn ar dòigh. |
|
| 22 |
|
| Gu robh do thròcair, a Thighearna, oirnn, a rèir mar a chuir sinn ar dòchas annad. |
|
|
|
|