Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh. Is beannaichte esan a bheir an aire don duine bhochd; ann an là an uilc saoraidh an Tighearna e. |
| 2 |
| Gleidhidh an Tighearna e, agus cumaidh e beò e, agus bidh e beannaichte air thalamh; na tabhair thusa e do thoil a naimhdean. |
| 3 |
| Bheir an Tighearna neart dha air leabaidh a thinneis iarganaich; a leabaidh uile nì thusa dha na easlainte. |
| 4 |
| Thubhairt mi, A Thighearna, dèan tròcair orm; leighis m’anam, oir pheacaich mi ad aghaidh. |
| 5 |
| Tha mo naimhdean a’ labhairt uilc orm, ag ràdh, Cuin a gheibh e bàs agus a sgriosar a ainm? |
| 6 |
| Agus ma thig neach gam shealltainn, labhraidh e dìomhanas; càrnaidh a chridhe euceart dha fhèin; thèid e a‑mach agus labhraidh e e. |
| 7 |
| Tha iadsan uile aig a bheil fuath dhomh a’ cagarsaich am aghaidh; tha iad a’ dealbh uilc am aghaidh. |
| 8 |
| Tha droch nì, arsa iadsan, air teachd air; agus esan a tha a‑nis na laighe, chan èirich e nas mò. |
| 9 |
| Eadhon fear mo shìth as an d’earb mi, esan a dh’ith dem aran, thog e a shàil am aghaidh. |
| 10 |
| Ach dèan-sa, a Thighearna, tròcair orm, agus tog suas mi, agus bheir mi an luigheachd dhaibh. |
| 11 |
| Le seo tha fhios agam gu bheil tlachd agadsa annam, a chionn nach eil mo nàmhaid a’ dèanamh caithreim os mo chionn. |
| 12 |
| Ach air mo shonsa, cumaidh tu suas mi ann an ionracas, agus suidhichidh tu mi ad fhianais gu bràth. |
| 13 |
| Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia Israeil, o shìorraidheachd gu sìorraidheachd! Amen agus Amen! |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/041.mp3
150
41