Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Don àrd-fhear-ciùil. Salm airson mic Chòrah. Buailibh ur basan, uile shlòigh; togaibh iolach do Dhia le guth gàirdeachais. |
| 2 |
| Oir tha an Tighearna, an Tì as àirde, na adhbhar eagail; is Rìgh mòr e os cionn na talmhainn uile. |
| 3 |
| Cuiridh e na slòigh fo ar smachd, agus na cinnich fo ar casan. |
| 4 |
| Taghaidh e ar n‑oighreachd dhuinn, òirdheirceas Iàcoib, a ghràdhaich e. Selah. |
| 5 |
| Chaidh Dia suas le caithreim, an Tighearna le fuaim trompaid. |
| 6 |
| Seinnibh moladh do Dhia, seinnibh; seinnibh moladh dar Rìgh, seinnibh; |
| 7 |
| Oir is e Dia rìgh na talmhainn uile; seinnibh moladh gu h‑eòlach. |
| 8 |
| Tha Dia na Rìgh os cionn nan cinneach; tha Dia na shuidhe air rìgh-chathair a naomhachd. |
| 9 |
| Chruinnicheadh uachdarain nan sluagh le chèile, sluagh Dia Abrahàim; oir is le Dia sgiathan na talmhainn; tha e air àrdachadh gu mòr. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/047.mp3
150
47