×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 48

1
Oran agus salm airson mic Chòrah. Is mòr an Tighearna, agus is ro‑airidh air cliù e ann am baile ar Dè, ann an sliabh a naomhachd.
2
Tha sliabh Shioin sgiamhach na shuidheachadh; is e aoibhneas na talmhainn uile; air an taobh mu thuath tha baile an Rìgh mhòir.
3
Aithnichear Dia na lùchairtean mar thèarmann.
4
Oir feuch, chruinnicheadh na rìghrean; ghabh iad thairis le chèile.
5
Chunnaic iad, agus b’ioghnadh leo; bha uamhas orra, ghreas iad orra.
6
Ghlac geilt-chrith iad an sin, pian mar phèin mnà ri saothair.
7
Le gaoith an ear mion-bhrisidh tu longan Tharsis.
8
Mar a chuala sinn, is amhail a chunnaic sinn ann am baile Tighearna nan slògh, ann am baile ar Dè; daingnichidh e e gu bràth. Selah.
9
Smaoinich sinn air do choibhneas gràidh, a Dhè, ann am meadhon do theampaill.
10
Mar d’ainm, a Dhè, mar sin tha do chliù gu crìochan na talmhainn; tha do dheaslàmh làn de fhìreantachd.
11
Dèanadh sliabh Shioin aoibhneas, dèanadh nigheanan Iùdah gàirdeachas, airson do bhreitheanas.
12
Cuartaichibh Sion, agus rachaibh ma timcheall; àirmhibh a tùir.
13
Thugaibh an aire da balla làidir, comharraichibh a lùchairtean, a‑chum gun cuir sibh an cèill e don àl ri teachd.
14
Oir is e an Dia seo ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal; stiùraidh e sinn gu ruig am bàs.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes