×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 52

1
Don àrd-fhear-ciùil. Maschil le Daibhidh nuair a thàinig Doeg an t‑Edomach agus a dh’innis e do Shaul agus a thubhairt e ris, Thàinig Daibhidh gu taigh Ahimeleich. Carson a nì thu uaill as an olc, O ghaisgich? Mairidh maitheas Dhè a‑ghnàth.
2
Dealbhaidh do theanga aimhleas, mar ealtainn ghèir, ag obrachadh ceilge.
3
Is annsa leat an t‑olc na am math, a’ bhreug na briathran a’ cheartais. Selah.
4
Is ionmhainn leat gach facal millteach, a theanga chealgach.
5
Uime sin sgriosaidh Dia thu gu bràth; bheir e air falbh thu, agus tàirngidh e as do phàillean thu, agus spìonaidh e do fhreumhan à tìr nam beò. Selah.
6
Agus chì na fìreanan, agus bidh eagal orra, agus nì iad gàire uime, ag ràdh,
7
Feuch, seo am fear nach do rinn a neart de Dhia, ach a dh’earb à pailteas a bheartais, agus a neartaich e fhèin na aingidheachd.
8
Ach bidh mise mar chrann-ola uaine ann an taigh Dhè; earbaidh mi à tròcair Dhè gu saoghal nan saoghal.
9
Molaidh mise thu gu sìorraidh, a chionn gun do rinn thu e; agus feithidh mi air d’ainm-sa, oir tha e math an làthair do naomh.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes