Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Don àrd-fhear-ciùil air Mahalat. Maschil le Daibhidh. Thubhairt an t‑amadan na chridhe, Chan eil Dia ann; tha iad truaillidh, agus rinn iad aingidheachd ghràineil; chan eil neach ann a nì math. |
| 2 |
| Dh’amhairc Dia a‑nuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ag iarraidh Dhè. |
| 3 |
| Chaidh gach aon dhiubh air ais; tha iad gu lèir air fàs salach; chan eil neach ann a nì math, chan eil eadhon aon. |
| 4 |
| Nach eil eòlas acasan a tha a’ dèanamh na h‑eucoir, a tha ag ithe suas mo shluaigh mar a dh’itheadh iad aran, agus nach gairm air Dia? |
| 5 |
| An sin ghabh iad eagal mòr, nuair nach robh adhbhar eagail ann; sgaoil Dia a chnàmhan-san o chèile a champaich ad aghaidh; nàraich thu iad, a chionn gun do rinn Dia tàir orra. |
| 6 |
| O gun tigeadh slàinte Israeil a‑mach à Sion! An uair a bheir Dia air ais braighdeanas a shluaigh, nì Iàcob gàirdeachas, nì Israel aoibhneas. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/053.mp3
150
53