Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Don àrd-fhear-ciùil, Al‑taschit. Michtam le Daibhidh. An labhair sibh, a choitheanail, da‑rìribh an ceartas? An toir sibh breith gu cothromach, a chlann nan daoine? |
| 2 |
| Seadh, nur cridhe tha sibh a’ dealbh aingidheachd; air talamh tha sibh a’ tomhas fòirneart ur làmh. |
| 3 |
| Tha na h‑aingidh a’ claonadh on bhroinn; tha iad a’ dol air seachran om breith, a’ labhairt bhreug. |
| 4 |
| Tha an nimh mar nimh nathrach; tha iad mar nathair bhodhar, a dhruideas a cluas; |
| 5 |
| Nach èisd ri guth nan draoidh, a tha ro‑sheòlta nan draoidheachd. |
| 6 |
| Bris am fiaclan, a Dhè, nam beul; pronn gu tur tuisg nan leòmhann òga, a Thighearna. |
| 7 |
| Leaghadh iad, mar uisgeachan a ruitheas gu saor; cuireadh Dia a shaighdean nan aghaidh, agus gearrar as iad. |
| 8 |
| Mar sheilcheig a bhios a’ leaghadh as, rachadh iad as; mar thorrachas anabaich mnà, na faiceadh iad a’ ghrian. |
| 9 |
| Mum mothaich ur coireachan teas on droighnich, bheir e air falbh iad mar le iomaghaoith, araon beò, agus na chorraich. |
| 10 |
| Bidh aoibhneas air an fhìrean, nuair a chì e an dìoghaltas; nighidh e a chasan ann am fuil an duine aingidh. |
| 11 |
| An sin their duine, Gu deimhinn tha duais ann don fhìrean; gu cinnteach tha Dia ann a tha a’ toirt breith air an talamh. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/058.mp3
150
58