Don àrd-fhear-ciùil, Al‑taschit. Michtam le Daibhidh nuair a chuir Saul daoine uaithe, agus a chuir iad faire air an taigh, a‑chum a mharbhadh. Teasairg mi om naimhdean, O mo Dhia; dìon mi uapasan a tha ag èirigh am aghaidh.
Oir feuch, tha iad a’ feitheamh nam fàth an aghaidh m’anama; tha daoine cumhachdach air cruinneachadh am aghaidh; chan ann airson mo lochd-sa, no airson mo pheacaidh, a Thighearna.
O thusa, a Thighearna, a Dhè nan sluagh, a Dhè Israeil, mosgail a dh’fhiosrachadh nan cinneach uile; na dèan iochd air luchd-easaontais ciontach sam bith. Selah.
Sgrios iad ann am feirg, sgrios iad, agus na biodh iad ann; agus biodh fhios aig daoine gu bheil Dia na uachdaran ann an Iàcob, gu ruig crìochan na talmhainn. Selah.