×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 6

1
Don àrd-fhear-ciùil air Neginot air Seminit. Salm le Daibhidh. A Thighearna, ann ad chorraich na cronaich mi, agus ann ad fheirg na smachdaich mi.
2
Gabh truas dhìom, a Thighearna, oir tha mi lag; slànaich mi, a Thighearna, oir tha mo chnàmhan air an cràdh;
3
Agus tha m’anam air a chràdh gu mòr: ach thusa, a Thighearna, cia fhad?
4
Till, a Thighearna, fuasgail m’anam; saor mi, air sgàth do thròcair.
5
Oir anns a’ bhàs chan eil cuimhne ort; anns an uaigh cò a bheir dhut cliù?
6
Tha mi sgìth lem osnaich; rè na h‑oidhche tha mi a’ cur mo leapa air snàmh; lem dheòir tha mi ag uisgeachadh m’uirigh.
7
Caithear le dubhachas mo shùil; fàsaidh i sean, airson m’eascairdean gu lèir.
8
Imichibh uam, sibhse uile a luchd-dèanamh na h‑euceirt, oir chuala an Tighearna guth mo chaoidh.
9
Chuala an Tighearna m’athchuinge; gabhaidh an Tighearna rim ùrnaigh.
10
Cuirear gu nàire agus gu mòr-amhluadh mo naimhdean gu lèir: tilleadh iad, cuirear gu h‑obann gu nàire iad.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes