Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Don àrd-fhear-ciùil. Salm le Daibhidh. Eisd, a Dhè, rim ghuth ann am aslachadh; o eagal an nàmhaid glèidh mo bheatha. |
| 2 |
| Falaich mi o chomhairle dhiamhair dhroch dhaoine, o cho-chruinneachadh luchd-dèanamh na h‑euceirt, |
| 3 |
| A gheuraich mar chlaidheamh an teanga, a dheasaich an saighdean, eadhon briathran searbha, |
| 4 |
| A‑chum an tilgeadh ann an ionadan diamhair air an duine ionraic; gu h‑obann tilgidh iad air, agus cha bhi eagal orra. |
| 5 |
| Gabhaidh iad misneach dhaibh fhèin ann an droch-bheairt; labhraidh iad le chèile mu leagadh ribeachan gu diamhair; is e a their iad, Cò a chì sinn? |
| 6 |
| Rannsaichidh iad a‑mach euceartan; coileanaidh iad mion-rannsachadh; agus sin an taobh a‑staigh de dhuine, eadhon anns a’ chridhe dhomhain. |
| 7 |
| Ach tilgidh Dia saighead orrasan; gu h‑obann bidh iad air an lotadh. |
| 8 |
| Agus bheir iad air an teangaidh fhèin tuiteam orra fhèin; teichidh gach neach a chì iad. |
| 9 |
| Agus bidh eagal air gach duine, agus cuiridh iad an cèill obair Dhè, oir tuigidh iad a ghnìomh-san. |
| 10 |
| Nì am fìrean aoibhneas anns an Tighearna, agus cuiridh e a dhòchas ann; agus nì iadsan uile a tha ceart nan cridhe gàirdeachas. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/064.mp3
150
64