×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 74

1
Maschil le Asaph. Carson, a Dhè, a thilg thu uat sinn gu bràth, agus a lasas d’fhearg ri caoraich d’ionaltraidh?
2
Cuimhnich do choitheanal, a cheannaich thu o chian, a shaor thu; slat d’oighreachd, beinn Shioin seo anns an do ghabh thu còmhnaidh.
3
Tog do chasan a‑chum nam fàsach sìorraidh, a‑chum nan olc a rinn an nàmhaid ann ad ionad naomh.
4
Bheuc do naimhdean am measg do choitheanail; chuir iad suas am brataichean mar chomharraidhean.
5
Bha neach ainmeil mar a thogadh e a thuagh gu h‑àrd air coille thiugh.
6
A‑nis mar an ceudna bhris iad sìos a obair gheàrrte le chèile le tuaghan agus le ùird.
7
Chuir iad ri theine d’ionad naomh gu ruig an làr; thruaill iad pàillean d’ainme-sa.
8
Thubhairt iad nan cridhe, Sgriosamaid iad le chèile; loisg iad ionadan-cruinneachaidh Dhè anns an tìr.
9
Ar comharraidhean chan fhaic sinn; chan eil fàidh ann nas mò, agus chan eil neach nar measg aig a bheil fhios cia fhad.
10
Cia fhad, a Dhè, a bheir an t‑eascaraid beum? An dèan an nàmhaid tarcais air d’ainm gu bràth?
11
Carson a thilleas tu do làmh, do dheaslàmh fhèin, air a h‑ais? Buin a‑mach od bhroilleach i.
12
Oir is e Dia mo rìgh o chian, ag obrachadh slàinte am meadhon na talmhainn.
13
Sgaoil thusa an fhairge led neart, bhris thu cinn nan dràgon air na h‑uisgeachan.
14
Phronn thu cinn Lebhiatain; thug thu e mar bhiadh don t‑sluagh anns an fhàsach.
15
Sgoilt thu an tobar agus an sruth; thiormaich thu aibhnichean mòra.
16
Is leatsa an là, mar an ceudna is leatsa an oidhche; is tu a dheasaich solas agus grian.
17
Shuidhich thu uile chrìochan na talmhainn; rinn thu an samhradh agus an geamhradh.
18
Cuimhnich seo; thug an t‑eascaraid beum, a Thighearna, agus rinn sluagh amaideach tarcais air d’ainm.
19
Na toir suas don fhiadh-bheathach anam do chalamain; anaman do dhaoine truagha na dìochuimhnich gu bràth.
20
Thoir an aire don choicheangal, oir tha àitean dorcha na tìre làn de ionadan-còmhnaidh an fhòirneirt.
21
Na tillear air ais le nàire an tì a shàraichear; moladh am bochd agus am feumach d’ainm.
22
Eirich, a Dhè, tagair do chùis fhèin; cuimhnich mar a tha an t‑amadan a’ toirt toibheim dhut gach là.
23
Na dìochuimhnich guth do naimhdean, toirm na muinntir a dh’èirich ad aghaidh, a tha a’ dol suas an còmhnaidh.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes