Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Salm le Asaph. A Dhè, thàinig na cinnich a‑steach dod oighreachd; thruaill iad do theampall naomh; dh’fhàg iad Ierusalem na cùirn. |
| 2 |
| Thug iad cuirp do sheirbhiseach mar bhiadh do eunlaith nan speur, feòil do naomh do fhiadh-bheathaichean na talmhainn. |
| 3 |
| Dhòirt iad am fuil mar uisge timcheall Ierusaleim, agus cha robh neach gu an adhlacadh. |
| 4 |
| Tha sinn nar masladh dar coimhearsnaich, nar n‑adhbhar fanaid agus magaidh dhaibhsan a tha mun cuairt oirnn. |
| 5 |
| Cia fhad, a Thighearna, a bhios fearg ort? Gu bràth an las d’eud mar theine? |
| 6 |
| Dòirt do chorraich air na cinnich aig nach eil eòlas ort, agus air na rìoghachdan nach gairm air d’ainm; |
| 7 |
| Oir chuir iad as do Iàcob, agus rinn iad a àite-còmhnaidh na fhàsach. |
| 8 |
| Na cuimhnich thusa nar n‑aghaidh ar n‑euceartan roimhe seo; gu luath gabhadh do thròcairean romhainn, oir thugadh gu ro‑ìosal sinn. |
| 9 |
| Cuidich leinn, a Dhè ar slàinte, air sgàth glòir d’ainme, agus teasairg sinn, agus glan ar peacaidhean uainn airson d’ainme fhèin. |
| 10 |
| Carson a theireadh na cinnich, Càit a bheil an Dia? Aithnichear am measg nan cinneach fa chomhair ar sùl dìoghaltas fuil do sheirbhiseach, a dhòirteadh! |
| 11 |
| Thigeadh osnaich a’ phrìosanaich ad làthair, a rèir meud do neirt; saor thusa iadsan a dh’òrdaicheadh a‑chum bàis. |
| 12 |
| Agus ìoc dar coimhearsnaich a sheachd uiread nam broilleach, am masladh leis an do mhaslaich iad thusa, a Thighearna. |
| 13 |
| Agus molaidh sinne, do shluagh agus caoraich d’ionaltraidh, thusa gu bràth; o linn gu linn cuiridh sinn an cèill do chliù. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/079.mp3
150
79