1
Don àrd-fhear-ciùil air Sosanim Edut. Salm le Asaph. O aodhair Israeil, èisd thusa a stiùras Iòseph mar threud; thusa a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, dealraich a‑mach.
2
An làthair Ephraim agus Bheniàmin agus Mhanaseh, dùisg do chumhachd agus thig gar saoradh.
3
Till sinn, a Dhè, agus thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn.
4
A Thighearna Dhè nan slògh, cia fhad a bhios fearg ort ri ùrnaigh do shluaigh?
5
Thug thu dhaibh aran nan deur ri ithe, agus thug thu dhaibh deòir rin òl ann am pailteas.
6
Rinn thu sinn nar n‑adhbhar strì dar coimhearsnaich, agus nì ar n‑eascairdean gàire fanaid umainn.
7
A Dhè nan slògh, till sinn, agus thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn.
8
Thug thu fìonan as an Eiphit; thilg thu a‑mach na cinnich, agus shuidhich thu i.
9
Rèitich thu àite fa comhair, agus thug thu oirre freumhachadh gu daingeann, agus lìon i an tìr.
10
Chòmhdaicheadh beanntan le a sgàil, agus le a geugan seudair àrda.
11
Chuir i a‑mach a meòir gu ruig a’ mhuir, agus a meanglain gu ruig an abhainn.
12
Carson a bhris thu sìos a ballachan-dìonaidh, air chor is gu bheil uile luchd-gabhail na slighe ga spìonadh?
13
Tha an torc as a’ choille ga fàsachadh, agus tha fiadh-bheathach na machrach ga h‑ithe suas.
14
A Dhè nan slògh, till, guidheamaid ort; amhairc a‑nuas o nèamh, agus faic agus fiosraich an fhìonain seo;
15
Agus am fìonlios a shuidhich do dheaslàmh, agus am meanglan a neartaich thu dhut fhèin.
16
Loisgeadh i le teine, ghearradh sìos i; le achmhasan do ghnùise sgriosar iad.
17
Biodh do làmh air fear do làimhe deise, air mac an duine a neartaich thu dhut fhèin.
18
An sin cha till sinn air ar n‑ais uat; beòthaich sinn, agus gairmidh sinn air d’ainm.
19
A Thighearna Dhè nan slògh, till sinn, thoir air do ghnùis dealrachadh, agus saorar sinn.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017