Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Laoidh no salm le Asaph. A Dhè, na bi ad thosd; na bi sàmhach, agus na bi ad thàmh, a Dhè; |
| 2 |
| Oir feuch, tha do naimhdean ri buaireas, agus thog iadsan lem fuathach thu suas an guth. |
| 3 |
| An aghaidh do shluaigh gu cuilbheartach dhealbh iad olc, agus ghabh iad comhairle le chèile an aghaidh do mhuinntir dhiamhair. |
| 4 |
| Thubhairt iad, Thigibh agus gearramaid as iad o bhith nan cinneach, a‑chum nach cuimhnichear ainm Israeil nas mò. |
| 5 |
| Oir le aon inntinn ghabh iad comhairle le chèile, ad aghaidh-sa rinn iad coicheangal. |
| 6 |
| Pàilleanan Edoim agus na h‑Ismaelich, Mòab agus na Hàgaraich, |
| 7 |
| Gebal agus Amon agus Amalec, na Philistich maille ri luchd-àiteachaidh Thìruis; |
| 8 |
| Mar an ceudna dhlùth-lean Asur riu; bu chòmhnadh iad do chloinn Lot. Selah. |
| 9 |
| Dèan orra mar air Midian, mar air Sisera, mar air Iabin, aig sruth Chisoin; |
| 10 |
| A sgriosadh aig En‑dor, a rinneadh mar aolach don talamh. |
| 11 |
| Dèan an àrd-uaislean mar Oreb agus mar Sheeb, agus an uachdarain gu lèir mar Shèba agus mar Shalmuna; |
| 12 |
| A thubhairt, Glacamaid dhuinn fhèin mar oighreachd àiteachan-còmhnaidh Dhè. |
| 13 |
| O mo Dhia, dèan iad mar roth, mar asbhuain ron ghaoith. |
| 14 |
| Mar a loisgeas teine a’ choille, agus mar a chuireas lasair na beanntan ri theine, |
| 15 |
| Mar sin dèan thusa tòrachd orra led dhoininn, agus led iomaghaoith cuir uamhann orra. |
| 16 |
| Lìon an aodann le masladh, a‑chum gun iarr iad d’ainm, a Thighearna. |
| 17 |
| Biodh amhluadh agus buaireas orra gu bràth; seadh, glacadh nàire iad, agus sgriosar iad; |
| 18 |
| A‑chum gum bi fhios aig daoine gur tusa a‑mhàin don ainm Iehòbhah, an Tì as àirde os cionn na talmhainn uile. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/083.mp3
150
83