×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 86

1
Ùrnaigh le Daibhidh. Aom, a Thighearna, do chluas; èisd rium, oir tha mi bochd agus uireasbhaidheach.
2
Glèidh m’anam, oir tha mi diadhaidh; O thusa mo Dhia, saor d’òglach, a dh’earbas asad.
3
Dèan tròcair orm, a Thighearna, oir tha mi a’ glaodhaich riut gach là.
4
Dèan anam d’òglaich fhèin aoibhinn, oir riutsa, a Thighearna, togaidh mi m’anam.
5
Oir tha thusa, a Thighearna, math agus iochdmhor, agus pailt ann an tròcair dhaibhsan uile a ghairmeas ort.
6
Eisd, a Thighearna, rim ùrnaigh, agus thoir fa‑near guth m’athchuinge.
7
Ann an là mo theinn gairmidh mi ort, oir freagraidh tu mi.
8
Chan eil do shamhail-sa am measg nan diathan, a Thighearna, agus chan eil obraichean ann cosmhail rid obraichean-sa.
9
Thig na cinnich uile a rinn thu, agus sleuchdaidh iad ad làthair, a Thighearna, agus bheir iad glòir dod ainm.
10
Oir is mòr thusa, agus tha thu a’ dèanamh nithean iongantach; is tusa Dia, thu fhèin a‑mhàin.
11
Teagaisg dhomh, a Thighearna, do shlighe; gluaisidh mi ad fhìrinn; coicheangail mo chridhe a‑chum eagal d’ainme a bhith orm.
12
Molaidh mi thu, a Thighearna mo Dhia, lem uile chridhe, agus bheir mi glòir dod ainm gu bràth;
13
Oir is mòr do thròcair ormsa, agus shaor thu m’anam on t‑sloc as ìochdaraiche.
14
A Dhè, dh’èirich na h‑uaibhrich am aghaidh, agus dh’iarr coitheanal luchd-fòirneirt m’anam; agus cha do chuir iad thusa fan comhair.
15
Ach tha thusa, a Thighearna, ad Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair agus ann am fìrinn.
16
Amhairc orm, agus dèan tròcair orm; thoir neart dod òglach, agus saor mac do bhanoglaich.
17
Thoir dhomh comharradh air math, a‑chum gum faic iadsan e aig a bheil fuath dhomh, agus gun gabh iad nàire, a chionn, a Thighearna, gun do chuidich thusa leam agus gun tug thu comhfhurtachd dhomh.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes