×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 87

1
Salm no laoidh airson mic Chòrah. Tha a bhunait anns na beanntan naomha.
2
Is ionmhainn leis an Tighearna geatachan Shioin thar uile ionadan-còmhnaidh Iàcoib.
3
Innsear nithean glòrmhor ortsa, a chathair Dhè. Selah.
4
Cuimhnichidh mi Rahab agus Bàbel dhaibhsan don aithne mi; feuch, Pailistin agus Tìrus, maille ri Etiopia; rugadh am fear seo an sin.
5
Ach mu Shion theirear, Rugadh am fear seo agus am fear ud innte, agus daingnichidh an Tì as àirde i.
6
Comharraichidh an Tighearna, nuair a sgrìobhas e sìos na fineachan, gun do rugadh am fear seo an siud.
7
Bidh araon luchd-seinn agus luchd-ciùil an sin; tha mo thobraichean uile annadsa.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes