Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| O thigibh, seinneamaid don Tighearna; togamaid iolach do charraig ar slàinte. |
| 2 |
| Thigeamaid na fhianais le buidheachas, agus le sailm togamaid ceòl dha gu suilbhireach; |
| 3 |
| Oir is Dia mòr ar Tighearna, agus is Rìgh mòr e os cionn nan uile dhiathan. |
| 4 |
| Na làimh-san tha doimhneachdan na talmhainn, agus is leis àirde nam beann. |
| 5 |
| Is leis an fhairge, oir is e a rinn i, agus dhealbh a làmh an talamh tioram. |
| 6 |
| O thigibh, sleuchdamaid, agus cromamaid sìos; tuiteamaid air ar glùinean am fianais an Tighearna a rinn sinn; |
| 7 |
| Oir is esan Dia, agus is sinne sluagh a ionaltraidh-san, agus caoraich a làimhe. |
| 8 |
| An‑diugh, ma dh’èisdeas sibh ra ghuth, na cruadhaichibh ur cridhe, mar anns a’ chonnsachadh, mar ann an là a’ bhuairidh, anns an fhàsach; |
| 9 |
| Nuair a bhuair ur n‑athraichean mi, a dhearbh iad mi, agus a chunnaic iad m’obraichean rè dà‑fhichead bliadhna. |
| 10 |
| Chuireadh campar orm leis a’ ghinealach ud, agus thubhairt mi, Is sluagh seachranach nan cridhe iad, agus chan aithne dhaibh mo shlighean, |
| 11 |
| Don tug mi mo mhionnan am fheirg, nach rachadh iad a‑steach dom fhois. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/095.mp3
150
95