×

Bìoball Gàidhlig 1992

Salm 98

1
Salm. O seinnibh don Tighearna laoidh nuadh, oir rinn e nithean iongantach; dh’obraich a dheaslàmh agus a ghàirdean naomh slàinte dha.
2
Thaisbein an Tighearna a shlàinte; ann an sealladh nan cinneach dh’fhoillsich e a fhìreantachd.
3
Chuimhnich e a thròcair agus a fhìrinn do theaghlach Israeil; chunnaic uile chrìochan na talmhainn slàinte ar Dè.
4
Togaibh iolach ait don Tighearna, a thìrean uile; togaibh ur guth, dèanaibh gàirdeachas agus seinnibh cliù.
5
Seinnibh don Tighearna le clàrsaich, le clàrsaich agus guth sailme.
6
Le trompaidean agus guth na h‑adhairc, togaibh iolach ait an làthair an Rìgh Iehòbhah.
7
Beucadh an fhairge agus a làn, an saoghal agus iadsan a tha nan còmhnaidh ann.
8
Buaileadh na tuiltean am basan; cuideachd dèanadh na beanntan luathghaire
9
An làthair an Tighearna, oir tha e a’ teachd a thabhairt breith air an talamh; bheir e breith air an t‑saoghal ann am fìreantachd, agus air na slòigh ann an ceartas.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes