Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Tha an Tighearna a’ rìoghachadh; criothnaicheadh na slòigh; tha e na shuidhe eadar ceruban; biodh crith air an talamh. |
| 2 |
| Tha an Tighearna mòr ann an Sion, agus tha e àrd os cionn gach sluaigh. |
| 3 |
| Moladh iad d’ainm mòr agus uamhasach; is naomh e. |
| 4 |
| Agus is toigh leis an Rìgh chumhachdach breitheanas; is tu a shocraicheas a’ chòir; nì thusa breitheanas agus ceartas ann an Iàcob. |
| 5 |
| Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig stòl a chas; is naomh esan. |
| 6 |
| Bha Maois agus Aaron am measg a shagart, agus Samuel nam measg-san a ghairm air a ainm; ghairm iadsan air an Tighearna, agus fhreagair esan iad. |
| 7 |
| Ann am baideal neòil labhair e riu; ghlèidh iad a theisteis agus an reachd a thug e dhaibh. |
| 8 |
| A Thighearna ar Dia, fhreagair thusa iad; is tu an Dia a thug maitheanas dhaibh, ged rinn thu dìoghaltas airson an gnìomharan. |
| 9 |
| Ardaichibh an Tighearna ar Dia, agus sleuchdaibh aig a shliabh naomh, oir is naomh an Tighearna ar Dia. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/psalms/099.mp3
150
99