Agus nuair nach b’urrainn i a fhalach na b’fhaide, ghabh i dha cobhan cuilce, agus chuir i thairis e le làthaich agus le pic, agus chuir i an leanabh ann; agus chuir i e anns a’ chuilc aig bruaich na h‑aibhne.
Agus thàinig nighean Phàraoh a‑nuas ga nighe fhèin anns an abhainn, agus bha a maighdeannan ag imeachd ri taobh na h‑aibhne; agus nuair a chunnaic i an cobhan am measg na cuilce, chuir i a banoglach ga thoirt da h‑ionnsaigh.
Agus nuair a dh’fhosgail i e, chunnaic i an leanabh: agus, feuch, ghuil an naoidhean. Agus ghabh i truas ris, agus thubhairt i, Is aon seo de chloinn nan Eabhraidheach.
An sin thubhairt a phiuthar ri nighinn Phàraoh, An tèid mise, agus an gairm mi dhut banaltram de na mnathan Eabhraidheach, a‑chum is gun altraim i an leanabh dhut?
Agus thubhairt nighean Phàraoh rithe, Thoir an leanabh seo leat, agus altraim dhòmhsa e, agus bheir mi dhut do thuarasdal. Agus ghabh a’ bhean an leanabh, agus dh’altraim i e.
Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e a dh’ionnsaigh nighean Phàraoh, agus bha e na mhac dhi. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gun do tharraing mi a‑mach e.
Agus thàrladh anns na làithean sin, nuair a dh’fhàs Maois suas, gun deachaidh e a‑mach a dh’ionnsaigh a bhràithrean, agus gun d’amhairc e air an eallaichean: agus chunnaic e Eiphiteach a’ bualadh Eabhraidhich, aon de a bhràithrean.
Agus dh’amhairc e an taobh seo agus an taobh ud, agus nuair a chunnaic e nach robh aon duine ann, mharbh e an t‑Eiphiteach, agus dh’fhalaich e anns a’ ghaineamh e.
Agus nuair a chaidh e a‑mach an dara là, feuch, bha dithis de na h‑Eabhraidhich a’ strì ri chèile; agus thubhairt e ris-san a rinn an eucoir, Carson a bhuaileas tu do choimhearsnach?
Agus thubhairt e, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne? Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Eiphiteach? Agus ghabh Maois eagal, agus thubhairt e, Gu cinnteach tha an nì seo aithnichte.
A‑nis nuair a chuala Phàraoh an nì seo, dh’iarr e Maois a mharbhadh, ach theich Maois o aghaidh Phàraoh, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Mhidiain; agus shuidh e sìos làimh ri tobar.
Agus thàrladh an ceann mòran làithean gun d’fhuair rìgh na h‑Eiphit bàs, agus bha clann Israeil ag osnaich airson an daorsa, agus ghlaodh iad; agus thàinig an glaodh suas gu Dia, airson na daorsa.