Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880
|
| 1 |
| A‑nis bha Maois a’ gleidheadh treud Ietro a athair‐cèile, sagart Mhidiain: agus thug e an treud gu taobh‐cùil an fhàsaich, agus thàinig e gu sliabh Dhè, gu Hòreb. |
| 2 |
| Agus dh’fhoillsicheadh aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine à meadhon pris; agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha am preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh. |
| 3 |
| Agus thubhairt Maois, Tionndaidhidh mi a‑nis a lethtaobh, agus chì mi an sealladh mòr seo, carson nach eil am preas air a losgadh. |
| 4 |
| Agus nuair a chunnaic an Tighearna gun do thionndaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn sin, ghairm Dia air à meadhon a’ phris, agus thubhairt e, A Mhaois, a Mhaois. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo. |
| 5 |
| Agus thubhairt e, Na tig am fagas an seo; cuir dhìot do bhrògan bhàrr do chas, oir an t‑àit air a bheil thu ad sheasamh, is talamh naomh e. |
| 6 |
| Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia. |
| 7 |
| Agus thubhairt an Tighearna, Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo shluaigh a tha anns an Èiphit, agus chuala mi an glaodh airson am maighistirean‐obrach: oir is aithne dhomh an doilgheas. |
| 8 |
| Agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh à làimh nan Èiphiteach, agus gan toirt suas a‑mach as an fhearann sin, gu fearann math agus farsaing, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil; gu àite nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach. |
| 9 |
| A‑nis uime sin, feuch, tha glaodh chloinn Israeil air teachd am ionnsaigh‐sa; agus mar an ceudna chunnaic mi am foir‐èiginn leis a bheil na h‑Èiphitich gam foir‐èigneadh. |
| 10 |
| Agus a‑nis thig, agus cuiridh mi thu a dh’ionnsaigh Phàraoh, a‑chum is gun toir thu a‑mach mo shluagh, clann Israeil, as an Èiphit. |
| 11 |
| Agus thubhairt Maois ri Dia, Cò mise, gun rachainn a dh’ionnsaigh Phàraoh, agus gun tugainn a‑mach clann Israeil as an Èiphit? |
| 12 |
| Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Èiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo. |
| 13 |
| Agus thubhairt Maois ri Dia, Feuch, nuair a thig mi a dh’ionnsaigh chloinn Israeil, agus a their mi riu, Chuir Dia ur n‑athraichean mise dur n‑ionnsaigh; agus a their iad rium, Ciod as ainm dha? Ciod a their mi riu? |
| 14 |
| Agus thubhairt Dia ri Maois, IS MI AN TI AS MI: agus thubhairt e, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir IS MI mise dur n‑ionnsaigh. |
| 15 |
| Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach. |
| 16 |
| Imich agus cruinnich ri chèile seanairean Israeil, agus abair riu, Dh’fhoillsich an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, e fhèin dhòmhsa, Dia Abrahàim, Isaaic, agus Iàcoib, ag ràdh, Gu cinnteach dh’amhairc mi oirbh, agus chunnaic mi an nì a rinneadh oirbh anns an Èiphit: |
| 17 |
| Agus thubhairt mi, Bheir mi suas sibh à àmhghar na h‑Èiphit, gu fearann nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nam Peridseach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, gu fearann a tha a’ sruthadh le bainne agus le mil. |
| 18 |
| Agus èisdidh iadsan rid ghuth; agus thèid thu fhèin, agus seanairean Israeil, gu rìgh na h‑Èiphit, agus their sibh ris, Choinnich an Tighearna, Dia nan Eabhraidheach, sinne: agus a‑nise leig dhuinn, guidheamaid ort, dol astar trì làithean don fhàsach a‑chum is gun ìobair sinn don Tighearna ar Dia. |
| 19 |
| Agus is deimhinn leam nach leig rìgh na h‑Èiphit leibh imeachd, cha leig eadhon le làimh làidir. |
| 20 |
| Agus sìnidh mise a‑mach mo làmh, agus buailidh mi an Èiphit le m’iongantasan uile, a nì mi na meadhon: agus an dèidh sin leigidh e dhuibh imeachd. |
| 21 |
| Agus bheir mise don t‑sluagh seo deagh‐ghean ann an sealladh nan Èiphiteach: agus tàrlaidh, nuair a dh’fhalbhas sibh, nach falbh sibh falamh; |
| 22 |
| Ach iarraidh gach bean o a ban‐choimhearsnaich, agus on mhnaoi a bhios air aoigheachd na taigh, seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach: agus cuiridh sibh iad air ur mic, agus air ur nigheanan; agus creachaidh sibh na h‑Èiphitich. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabig/exodus/003.mp3
40
3