|
| 1 |
|
| Eisdidh mac glic ri teagasg a athar; ach chan èisd fear na fochaid ri achmhasan. |
|
| 2 |
|
| De thoradh a bheòil ithidh duine nì math; ach ithidh anam nan eucorach ainneart. |
|
| 3 |
|
| Esan a choimheadeas a bheul, gleidhidh e a anam; ach esan a dh’fhosglas a bhilean, thig sgrios air. |
|
| 4 |
|
| Miannaichidh anam an leisgein, agus cha bhi aige; ach nìthear anam nan dìcheallach sultmhor. |
|
| 5 |
|
| Is beag air an fhìrean na breugan; ach fàsaidh an droch dhuine gràineil, agus nàraichear e. |
|
| 6 |
|
| Gleidhidh fìreantachd esan a tha ionraic na shlighe; ach claoidhidh aingidheachd am peacach. |
|
| 7 |
|
| Tha neach ann a leigeas air a bhith beartach, agus gun nì air bith aige; tha neach ann a leigeas air a bhith bochd, agus mòr shaoibhreas aige. |
|
| 8 |
|
| Is e èirig anam duine a shaoibhreas; ach cha chluinn am bochd achmhasan. |
|
| 9 |
|
| Nì solas nam fìrean aoibhneach; ach cuirear as lòchran nan aingidh. |
|
| 10 |
|
| O uabhar a‑mhàin thig connsachadh; ach aig na daoine a ghabhas deagh chomhairle tha gliocas. |
|
| 11 |
|
| Lùghdaichear saoibhreas an dìomhanais; ach esan a chruinnicheas le saothair, meudaichidh e. |
|
| 12 |
|
| Nì an dòchas anns an cuirear moille an cridhe tinn; ach is craobh beatha am miann nuair a thig e. |
|
| 13 |
|
| Esan a nì tàir air facal, millear e; ach esan air am bi eagal ro àithne, gheibh e luigheachd. |
|
| 14 |
|
| Is tobar beatha lagh an duine ghlic, a‑chum dol as o lìontan a’ bhàis. |
|
| 15 |
|
| Bheir tuigse mhath deagh-ghean; ach is cruaidh slighe luchd-easaontais. |
|
| 16 |
|
| Nì gach duine ciallach a ghnothach le eòlas; ach leigidh an t‑amadan ris a amaideachd. |
|
| 17 |
|
| Tuitidh an droch theachdaire ann an olc; ach is slàinte an teachdaire dìleas. |
|
| 18 |
|
| Bochdainn agus nàire bidh dhàsan a dhiùltas fòghlam; ach an tì aig am bi meas air achmhasan, gheibh e urram. |
|
| 19 |
|
| Is milis don anam am miann a choileanar; ach is beag air amadain dealachadh ris an olc. |
|
| 20 |
|
| An tì a shiùbhlas le daoine glice, bidh e glic; ach sgriosar companach nan amadan. |
|
| 21 |
|
| Leanaidh olc peacaich; ach do na fìreanan ìocar math. |
|
| 22 |
|
| Fàgaidh duine math oighreachd aig cloinn a chloinne; ach taisgear don fhìrean maoin a’ pheacaich. |
|
| 23 |
|
| Bidh mòran bìdh ann an treabhadh nam bochd; ach bidh neach ann a sgriosar a dhìth breitheanais. |
|
| 24 |
|
| An tì a chaoimhneas a shlat, is beag air a mhac; ach an tì leis an ionmhainn e, smachdaichidh e e na thràth. |
|
| 25 |
|
| Ithidh am fìrean gu sàsachadh a anama; ach bidh dìth air broinn nan aingidh. |
|
|
: |
| 1 | | 2 | | 3 | | 4 | | 5 | | 6 | | 7 | | 8 | | 9 | | 10 | | 11 | | 12 | | 13 | | 14 | | 15 | | 16 | | 17 | | 18 | | 19 | | 20 | | 21 | | 22 | | 23 | | 24 | | 25 | 1
1
1 |
|
|---|
|
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/proverbs/013.mp3
31
13