|
| 1 |
|
| Is roghnaiche ainm math na mòr-shaoibhreas, agus deagh-ghean na airgead agus òr. |
|
| 2 |
|
| Coinnichidh am beartach agus am bochd a chèile: is e an Tighearna a rinn iad gu lèir. |
|
| 3 |
|
| Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas. |
|
| 4 |
|
| Trìd irioslachd agus eagal an Tighearna, thig saoibhreas, agus urram, agus beatha. |
|
| 5 |
|
| Tha droigheann agus ribeachan ann an slighe an duine fhiair: an tì a ghleidheas a anam fhèin, thèid e am fad uapa. |
|
| 6 |
|
| Teagaisg leanabh a‑thaobh na slighe air an còir dha imeachd; agus nuair a bhios e sean, cha trèig e i. |
|
| 7 |
|
| Riaghlaidh am beartach os cionn nam bochd; agus bidh an tì a ghabhas an coingheall na sheirbhiseach dhàsan a bheir ann an coingheall. |
|
| 8 |
|
| An tì a shìol-chuireas euceart, buainidh e dìomhanas; agus caithear slat a fheirge. |
|
| 9 |
|
| Beannaichear esan aig a bheil sùil fhial; oir bheir e de a aran don bhochd. |
|
| 10 |
|
| Tilg a‑mach am fear-fochaid, agus thèid connsachadh a‑mach; seadh, sguiridh còmhstri agus masladh. |
|
| 11 |
|
| An tì leis an ionmhainn glaine cridhe, is taitneach a bhilean; bidh an rìgh na charaid aige. |
|
| 12 |
|
| Coimheadaidh sùilean an Tighearna eòlas; ach tilgidh e bun-os‑cionn briathran a’ chiontaich. |
|
| 13 |
|
| Their an leisgean, Tha leòmhann a‑muigh, anns na sràidean marbhar mi. |
|
| 14 |
|
| Is sloc domhain beul bhan coimheach; an tì as gràineil leis an Tighearna tuitidh e ann. |
|
| 15 |
|
| Tha amaideachd ceangailte ann an cridhe leinibh; ach cuiridh slat an smachdachaidh fada uaithe i. |
|
| 16 |
|
| An tì a shàraicheas am bochd a mheudachadh a mhaoin fhèin, agus an tì a bheir don t‑saoibhir, thig e gu deimhinn gu uireasbhaidh. |
|
| 17 |
|
| Aom do chluas, agus èisd ri briathran dhaoine glice, agus socraich do chridhe air m’eòlas-sa: |
|
| 18 |
|
| Oir is taitneach an nì e, ma ghleidheas tu iad ann ad chom, ma bhios iad araon deas air do bhilean. |
|
| 19 |
|
| A‑chum gum biodh d’earbsa as an Tighearna, nochd mi dhut an‑diugh, eadhon dhutsa. |
|
| 20 |
|
| Nach do sgrìobh mi dhut nithean òirdheirc, ann an comhairlean, agus ann an eòlas? |
|
| 21 |
|
| A‑chum gun nochdainn dhut cinnte briathran na fìrinn; a‑chum gum freagradh tu briathran na fìrinn dhaibhsan a chuireas fios ad ionnsaigh? |
|
| 22 |
|
| Na creach am bochd a chionn gu bheil e bochd, agus na sàraich an truaghan anns a’ gheata: |
|
| 23 |
|
| Oir tagraidh an Tighearna an cùis, agus millidh e anam na muinntir a mhilleas iad. |
|
| 24 |
|
| Na dèan suas càirdeas ris an fheargach; agus maille ri fear na h‑àrd-chorraich na imich: |
|
| 25 |
|
| Air eagal gun ionnsaich thu a shlighean, agus gum faigh thu ribe dod anam. |
|
| 26 |
|
| Na bi dhiubhsan a bhuaileas an làmhan, no dhiubhsan a thèid an urras airson fhiach. |
|
| 27 |
|
| Mura eil nì agad gu dìoladh, carson a bheireadh uat do leabaidh a tha fodhad? |
|
| 28 |
|
| Na atharraich an seann chomharradh-crìche, a shuidhich d’athraichean. |
|
| 29 |
|
| Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal. |
|
|
|
|