Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Nuair a shuidheas tu a dh’ithe maille ri uachdaran, thoir an ro‑aire do na bheil fad chomhair; |
| 2 |
| Agus cuir sgian rid sgòrnan, mas duine thu air do thabhairt do chraos. |
| 3 |
| Na miannaich a nithean milis; oir is biadh mealltach iad. |
| 4 |
| Na saothraich gu fàs saoibhir; leig dhìot do ghliocas fhèin. |
| 5 |
| An cuir thu do shùilean air an nì nach eil ann? Oir gu cinnteach nì saoibhreas sgiathan dha fhèin, mar iolair a dh’itealaicheas a‑chum nan nèamh. |
| 6 |
| Na ith aran an tì aig a bheil droch shùil, agus na miannaich a nithean milis. |
| 7 |
| Oir mar a smaoinicheas e na anam, mar sin bidh e: Ith agus òl, their e riut, ach cha bhi a chridhe leat. |
| 8 |
| An greim a dh’ith thu, sgeithidh tu a‑nìos, agus caillidh tu do bhriathran milis. |
| 9 |
| Na labhair ann an cluasan amadain; oir nì e tàir air gliocas do bhriathar. |
| 10 |
| Na atharraich an seann chomharradh-crìche; agus air achaidhean nan dìlleachdan na bris a‑steach: |
| 11 |
| Oir tha am fear-saoraidh cumhachdach; tagraidh e an cùis ad aghaidh. |
| 12 |
| Aom do chridhe ri fòghlam, agus do chluasan ri briathran eòlais. |
| 13 |
| Na cùm smachdachadh o leanabh; oir ma bhuaileas tu e le slait, chan fhaigh e bàs. |
| 14 |
| Buailidh tu e le slait, agus saoraidh tu a anam o ifrinn. |
| 15 |
| A mhic, ma bhios do chridhe glic, nì mo chridhe-sa gàirdeachas, eadhon mo chridhe-sa: |
| 16 |
| Seadh, nì m’àirnean gàirdeachas, nuair a labhras do bhilean nithean cearta. |
| 17 |
| Na gabhadh do chridhe farmad ri peacaich: ach bi ann an eagal an Tighearna air feadh an là uile. |
| 18 |
| Oir gu deimhinn tha crìoch ann; ach cha ghearrar as do dhòchas. |
| 19 |
| Eisd thusa, a mhic, agus bi glic, agus treòraich do chridhe anns an t‑slighe. |
| 20 |
| Na bi am measg phòitearan fìona; am measg luchd co‑ithidh geòcach feòla. |
| 21 |
| Oir thig am misgear agus an geòcaire gu bochdainn; agus èidichidh turra-chadal duine le luideagan. |
| 22 |
| Eisd rid athair a ghin thu, agus na dèan tàir air do mhàthair nuair a bhios i aosda. |
| 23 |
| Ceannaich an fhìrinn, agus na reic i; mar an ceudna gliocas, agus fòghlam, agus tuigse. |
| 24 |
| Nì athair an fhìrein mòr-ghàirdeachas; agus nì esan a ghineas mac glic aoibhneas ann. |
| 25 |
| Nì d’athair agus do mhàthair aoibhneas, agus nì ise a rug thu gàirdeachas. |
| 26 |
| A mhic, thoir dhòmhsa do chridhe, agus coimheadadh do shùilean mo shlighean. |
| 27 |
| Oir is staing dhomhain strìopach; agus is sloc cumhang ban-choigreach. |
| 28 |
| Tha i mar an ceudna ri feall-fheitheamh mar chreachadair, agus cuiridh i luchd-dòbheairt an lìonmhorachd am measg dhaoine. |
| 29 |
| Cò dom buin truaighe? Cò a tha ri bròn? Cò aig a bheil connsachadh? Cò a tha ri gearan? Cò aig a bheil lotan gun adhbhar? Cò aig a bheil deirge shùl? |
| 30 |
| Iadsan a dh’fhanas fad aig an fhìon; iadsan a thèid a dh’iarraidh fìona measgte. |
| 31 |
| Na amhairc thusa air an fhìon nuair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath anns a’ chupan, a thèid e sìos dìreach. |
| 32 |
| Mu dheireadh teumaidh e mar nathair, agus mar an rìgh-nathair sàthaidh e a‑ghath. |
| 33 |
| Amhaircidh do shùilean air mnathan coimheach, agus cuiridh do chridhe an cèill nithean claona: |
| 34 |
| Agus bidh tu mar an tì a laigheas sìos ann am meadhon na fairge, no mar esan a laigheas air bàrr croinn-siùil. |
| 35 |
| Bhuail iad mi, their thu, agus cha robh mi tinn; ghabh iad orm, agus cha do mhothaich mi: cuin a dhùisgeas mi? An sin iarraidh mi fhathast e. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/proverbs/023.mp3
31
23