|
| 1 |
|
| Teichidh an t‑aingidh, gun neach air bith an tòir air; ach bidh na h‑ionraic dàn mar leòmhann. |
|
| 2 |
|
| Airson easaontas tìre bidh mòran uachdaran oirre; ach le duine tuigseach eòlach nìthear a staid buan. |
|
| 3 |
|
| Tha duine bochd, a nì fòirneart air bochdan, mar uisge millteach nach fàg biadh na dhèidh. |
|
| 4 |
|
| Molaidh iadsan a thrèigeas an lagh na h‑aingidh; ach nì iadsan a ghleidheas an lagh strì riu. |
|
| 5 |
|
| Cha tuig droch dhaoine breitheanas; ach tuigidh iadsan a dh’iarras an Tighearna na h‑uile nithean. |
|
| 6 |
|
| Is fheàrr am bochd a dh’imicheas na ionracas, na esan a tha fiar na shlighean, ged robh e saoibhir. |
|
| 7 |
|
| An tì a ghleidheas an lagh, is mac glic e; ach esan a tha na chompanach do luchd-craois, nàraichidh e a athair. |
|
| 8 |
|
| An tì a mheudaicheas a mhaoin le ocar agus le tairbhe eucoraich, cruinnichidh e dhàsan a ghabhas truas den bhochd. |
|
| 9 |
|
| An tì a thionndaidheas a chluas air falbh o chluinntinn an lagha, bidh a ùrnaigh fhèin na gràinealachd. |
|
| 10 |
|
| An tì a chuireas na fìreanan air seachran air droch shlighe, tuitidh e na shloc fhèin; ach mealaidh na h‑ionraic nithean matha. |
|
| 11 |
|
| Is glic duine saoibhir na bharail fhèin; ach rannsaichidh an duine bochd aig am bi tuigse a‑mach e. |
|
| 12 |
|
| Nuair a nì na fìreanan gàirdeachas, bidh glòir mhòr ann; ach nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichear duine. |
|
| 13 |
|
| An tì a dh’fhalaicheas a pheacaidhean, cha soirbhich leis; ach esan a dh’aidicheas agus a thrèigeas iad, gheibh e tròcair. |
|
| 14 |
|
| Is beannaichte an duine air am bi eagal a‑ghnàth; ach esan a chruadhaicheas a chridhe, tuitidh e ann an olc. |
|
| 15 |
|
| Mar leòmhann beucach, agus mar mhath-ghamhainn a ruitheas a‑null agus a‑nall, tha uachdaran aingidh os cionn sluaigh bhochd. |
|
| 16 |
|
| Am fear-riaghlaidh aig nach eil tuigse, is mòr mar an ceudna am fear-fòirneirt e; ach an tì a dh’fhuathaicheas sannt, sìnidh e a làithean. |
|
| 17 |
|
| An duine a nì ainneart air fuil neach sam bith, teichidh e gu ruig an sloc; na cumadh aon duine e. |
|
| 18 |
|
| An tì a ghluaiseas gu h‑ionraic, tèarnar e; ach esan tha fiar na shlighean, tuitidh e a dh’aon bheum. |
|
| 19 |
|
| An tì a threabhas a fhearann, bidh pailteas arain aige; ach esan a leanas an dèidh dhaoine dìomhain, bidh bochdainn gu leòr aige. |
|
| 20 |
|
| Bidh duine fìrinneach pailt ann am beannachdan; ach esan a nì deifir gu bhith saoibhir, cha bhi e neochiontach. |
|
| 21 |
|
| Cha mhath an nì gnùis aithneachadh; gidheadh airson greim arain ciontaichidh duine. |
|
| 22 |
|
| Nì fear na droch shùla deifir gu bhith saoibhir; ach chan eil fhios aige gun tig bochdainn air. |
|
| 23 |
|
| An tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin gheibh e nas mò de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh. |
|
| 24 |
|
| An tì a nì reubainn air a athair no air a mhàthair, agus a their, Chan eil cionta ann, is companach e do fhear-millidh. |
|
| 25 |
|
| An tì aig a bheil cridhe àrdanach, dùisgidh e strì; ach esan a dh’earbas as an Tighearna, nìthear sultmhor e. |
|
| 26 |
|
| An tì a dh’earbas as a chridhe fhèin, is amadan e; ach esan a ghluaiseas gu glic, saorar e. |
|
| 27 |
|
| An tì a bheir don bhochd, cha bhi dìth air; ach air an tì a dh’fhalaicheas a shùilean bidh iomadh mallachd. |
|
| 28 |
|
| Nuair a dh’èireas na h‑aingidh, falaichidh daoine iad fhèin; ach nuair a sgriosar iad, fàsaidh na fìreanan lìonmhor. |
|
|
|
|