|
| 1 |
|
| A mhic, na dìochuimhnich mo lagh; ach gleidheadh do chridhe m’àitheantan: |
|
| 2 |
|
| Oir làithean buan, agus saoghal fada, agus sìth bheir iad dhut. |
|
| 3 |
|
| Na trèigeadh tròcair agus fìrinn thu: ceangail iad mud mhuineal; sgrìobh iad air clàr do chridhe. |
|
| 4 |
|
| Agus gheibh thu deagh-ghean, agus tuigse mhath, ann an sealladh Dhè agus dhaoine. |
|
| 5 |
|
| Earb as an Tighearna led uile chridhe; agus rid thuigse fhèin na biodh do thaic. |
|
| 6 |
|
| Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman. |
|
| 7 |
|
| Na bi glic ad shùilean fhèin; biodh eagal an Tighearna ort, agus trèig olc. |
|
| 8 |
|
| Na shlàinte bidh e dod imleig, agus na smior dod chnàmhan. |
|
| 9 |
|
| Thoir urram don Tighearna led mhaoin, agus le ciad-thoradh d’uile chinneis: |
|
| 10 |
|
| Agus lìonar do shaibhlean le pailteas, agus le fìon nuadh ruithidh d’fhìon-amair thairis. |
|
| 11 |
|
| Air cronachadh an Tighearna, a mhic, na dèan-sa tàir, agus na sgìthich de a smachdachadh. |
|
| 12 |
|
| Oir esan as toigh leis an Tighearna smachdaichidh e, mar a smachdaicheas athair am mac anns a bheil a thlachd. |
|
| 13 |
|
| Is sona an duine a dh’amaiseas air gliocas, agus am fear a gheibh tuigse: |
|
| 14 |
|
| Oir is fheàrr a ceannachd na ceannachd airgid, agus a buannachd na an t‑òr. |
|
| 15 |
|
| Is luachmhoire i na na seudan, agus chan eil gach nì as urrainn thu a mhiannachadh rin coimeas rithe. |
|
| 16 |
|
| Tha saoghal fada na làimh dheis; na làimh chlì saoibhreas agus urram. |
|
| 17 |
|
| Is slighean subhachais a slighean, agus is sìth a ceuman uile. |
|
| 18 |
|
| Is craobh beatha i dhaibhsan a nì greim oirre, agus is sona iadsan a ghleidheas i. |
|
| 19 |
|
| Le gliocas shuidhich an Tighearna an talamh; le tuigse shònraich e na nèamhan. |
|
| 20 |
|
| Le a eòlas-san brisear suas na doimhneachdan, agus silidh na neòil a‑nuas an drùchd. |
|
| 21 |
|
| A mhic, na dealaicheadh iad rid shùilean: coimhead gliocas fallain agus tuigse. |
|
| 22 |
|
| Agus bidh iad nam beatha dod anam, agus nam maise dod mhuineal. |
|
| 23 |
|
| An sin imichidh tu ad shlighe gu tèarainte, agus cha tuislich do chas. |
|
| 24 |
|
| Nuair a laigheas tu sìos, cha bhi eagal ort: seadh, laighidh tu sìos, agus bidh do chadal milis. |
|
| 25 |
|
| Na biodh sgàth ort ro eagal obann, no ro fhàsachadh nan aingidh nuair a thig e. |
|
| 26 |
|
| Oir bidh an Tighearna na thèarmann dhut, agus gleidhidh e do chas o bhith air a glacadh. |
|
| 27 |
|
| Na cùm math on dream don dlighear e, nuair a tha e an comas do làimh a dhèanamh. |
|
| 28 |
|
| Na abair rid choimhearsnach, Imich, agus thig a‑rìs, agus a‑màireach bheir mi dhut, nuair a tha e agad làimh riut. |
|
| 29 |
|
| Na dealbh olc an aghaidh do choimhearsnaich, agus e a’ gabhail còmhnaidh gu muinghinneach làimh riut. |
|
| 30 |
|
| Na dèan strì ri duine gun adhbhar, mura do rinn e cron ort. |
|
| 31 |
|
| Na biodh farmad agad ri fear an fhòirneirt, agus na roghnaich a’ bheag de a shlighean. |
|
| 32 |
|
| Oir is gràinealachd don Tighearna an duine ceannairceach; ach tha a rùn aig an ionracan. |
|
| 33 |
|
| Tha mallachd an Tighearna ann an taigh an aingidh; ach beannaichidh e àite-còmhnaidh nam fìrean. |
|
| 34 |
|
| Gu cinnteach air luchd-fochaid nì e fochaid; ach don iriosal bheir e gràs. |
|
| 35 |
|
| Sealbhaichidh na daoine glice urram; ach is e nàire àrdachadh nan amadan. |
|
|
|
|