|
| 1 |
|
| Cluinnibh, a chlann, teagasg athar, agus thugaibh an aire, a‑chum gum faigh sibh eòlas air tuigse: |
|
| 2 |
|
| Oir tha mi a’ toirt dhuibh deagh theagaisg; na trèigibh-se mo reachd. |
|
| 3 |
|
| Oir bu mhise mac mùirneach m’athar, agus mar aon-ghin mic bha mi ann an sealladh mo mhàthar. |
|
| 4 |
|
| Theagaisg e mi mar an ceudna, agus thubhairt e rium, Gleidheadh do chridhe mo bhriathran; coimhead m’àitheantan agus mair beò. |
|
| 5 |
|
| Faigh gliocas; faigh tuigse: na dìochuimhnich, agus na claon o bhriathran mo bheòil. |
|
| 6 |
|
| Na trèig i, agus gleidhidh i thu: gràdhaich i, agus coimheadaidh i thu. |
|
| 7 |
|
| Is e gliocas an nì sònraichte; faigh gliocas, agus maille rid uile fhaghail faigh tuigse. |
|
| 8 |
|
| Ardaich i, agus cuiridh i suas thu; bheir i gu urram thu, nuair a ghabhas tu ad ghlacan i. |
|
| 9 |
|
| Bheir i dod cheann coron maise: crùn glòire bheir i seachad dhut. |
|
| 10 |
|
| Eisd, a mhic, agus gabh m’fhacail: agus bidh bliadhnachan do bheatha lìonmhor. |
|
| 11 |
|
| Ann an slighe a’ ghliocais theagaisg mi thu: threòraich mi thu ann an ceuman dìreach. |
|
| 12 |
|
| Nuair a dh’imicheas tu, cha teannaichear do cheuman; agus nuair a ruitheas tu, cha tuislich thu. |
|
| 13 |
|
| Dèan greim daingeann air teagasg; na leig as e; coimhead e, oir is e do bheatha e. |
|
| 14 |
|
| Na gabh a‑steach do rathad nan aingidh, agus na imich ann an slighe dhroch dhaoine. |
|
| 15 |
|
| Seachain i, na gabh seachad làimh rithe, till uaipe, agus imich romhad. |
|
| 16 |
|
| Oir cha chaidil iadsan mura dèan iad olc: agus tha an cadal air a thoirt uapa mura toir iad air cuideigin tuiteam. |
|
| 17 |
|
| Oir tha iad ag ithe aran na h‑aingidheachd, agus ag òl fìon an ainneirt. |
|
| 18 |
|
| Ach tha slighe nam fìrean mar an solas dealrach, a dhealraicheas nas mò agus nas mò gu ruig an là iomlan. |
|
| 19 |
|
| Tha slighe nan aingidh mar dhorchadas: chan aithne dhaibh ciod air a bheil iad a’ tuisleachadh. |
|
| 20 |
|
| A mhic, dom fhacail thoir aire; rim bhriathran aom do chluas: |
|
| 21 |
|
| Na imicheadh iad od shùilean: glèidh iad ann am meadhon do chridhe. |
|
| 22 |
|
| Oir is beatha iad dhaibhsan a gheibh iad, agus ìocshlaint dam feòil uile. |
|
| 23 |
|
| Leis gach uile dhìcheall glèidh do chridhe; oir as a sin tha sruthan na beatha. |
|
| 24 |
|
| Cuir uat am beul fiar, agus na bilean beumnach cuir fada uat. |
|
| 25 |
|
| Sealladh do shùilean gu ceart romhpa, agus seòladh rosgan do shùl gu dìreach romhad. |
|
| 26 |
|
| Cothromaich ceuman do chas, agus biodh do shlighean uile air an socrachadh. |
|
| 27 |
|
| Na tionndaidh a‑chum na làimhe deise, no clìthe: caraich do chas on olc. |
|
|
|
|