|
| 1 |
|
| A mhic, ma tha thu an urras air do charaid, ma bhuail thu do làmh le neach eile, |
|
| 2 |
|
| Ribeadh thu le briathran do bheòil; ghlacadh thu le faclan do bheòil. |
|
| 3 |
|
| Dèan seo a‑nis, a mhic, agus saor thu fhèin, nuair a thig thu an làimh do charaid; imich, irioslaich thu fhèin, agus dèan cinnteach do charaid. |
|
| 4 |
|
| Na toir cadal dod shùilean, no clò cadail dod rosgan. |
|
| 5 |
|
| Thoir as thu fhèin mar earb à làimh an t‑sealgair, agus mar eun à làimh an eunadair. |
|
| 6 |
|
| Imich a‑chum an t‑seangain, a leisgein; thoir fa‑near a shlighean, agus bi glic: |
|
| 7 |
|
| Aig nach eil fear-seòlaidh, fear-amhairc, no luchd-riaghlaidh, |
|
| 8 |
|
| A dh’ullaicheas a bhiadh anns an t‑samhradh, agus a chruinnicheas a theachd-an‑tìr anns an fhogharadh. |
|
| 9 |
|
| Cia fhad a chaidleas tu, a leisgein? Cuin a dh’èireas tu as do chadal? |
|
| 10 |
|
| Fhathast beagan cadail, beagan clò cadail, beagan filleadh nan làmh gu cadal. |
|
| 11 |
|
| An sin thig do bhochdainn mar fhear-siubhail, agus d’uireasbhaidh mar dhuine fo airm. |
|
| 12 |
|
| Duine nach fiù, fear aingidh, siùbhlaidh e le beul ana-cneasda. |
|
| 13 |
|
| Caogaidh e le a shùil, bheir e sanas le a chois, teagaisgidh e le mheòir. |
|
| 14 |
|
| Tha aingealtachd na chridhe, tha e a’ dealbhadh uilc a‑ghnàth; togaidh e aimhreit: |
|
| 15 |
|
| Uime sin gu h‑obann thig a sgrios; gu grad brisear e, gun leigheas. |
|
| 16 |
|
| Na sia nithean seo is fuathach leis an Tighearna; seadh, tha seachd nithean nan gràinealachd da anam: |
|
| 17 |
|
| Sealladh àrd, teanga bhreugach, agus làmhan a dhòirteas fuil neo-chiontach; |
|
| 18 |
|
| Cridhe a dhealbhas smuaintean aingidh, casan a bhios luath a ruith a‑chum uilc; |
|
| 19 |
|
| Fianais bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit eadar bràithrean. |
|
| 20 |
|
| A mhic, coimhead àithne d’athar, agus na trèig reachd do mhàthar: |
|
| 21 |
|
| Ceangail iad a‑ghnàth air do chridhe, daingnich iad mud mhuineal. |
|
| 22 |
|
| Nuair a dh’imicheas tu, treòraichidh iad thu; nuair a chaidleas tu gleidhidh iad thu; agus nuair a dhùisgeas tu, labhraidh iad riut. |
|
| 23 |
|
| Oir is lòchran an àithne, agus is solas an reachd, agus is iad slighe na beatha achmhasain teagaisg; |
|
| 24 |
|
| A‑chum do ghleidheadh on droch mhnaoi, o mhiodal teanga na mnà coimhich. |
|
| 25 |
|
| Na miannaich a sgèimh ann ad chridhe; agus na glacadh i thu le a rosgan. |
|
| 26 |
|
| Oir le mnaoi strìopachail bheirear duine gu greim arain; agus sealgaidh a’ bhan-adhaltranach air an anam luachmhor. |
|
| 27 |
|
| An urrainn duine teine a ghabhail na bhroilleach, agus gun a aodach a bhith air a losgadh? |
|
| 28 |
|
| An urrainn duine imeachd air èibhlean tetha, agus gun a chasan a bhith air an losgadh? |
|
| 29 |
|
| Mar sin esan a thèid a‑steach a‑chum bean a choimhearsnaich: cha bhi neach air bith neochiontach a bheanas rithe. |
|
| 30 |
|
| Cha dèanar tàir air gadaiche, ma ghoideas e a shàsachadh a anama, nuair a bhios e acrach: |
|
| 31 |
|
| Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad. |
|
| 32 |
|
| Ach ge bè nì adhaltranas ri mnaoi, tha e gun tuigse: sgriosaidh esan a nì e a anam fhèin. |
|
| 33 |
|
| Lot agus mì‑chliù gheibh e; agus a mhasladh cha ghlanar as. |
|
| 34 |
|
| Oir is e an t‑eud cuthach an fhir: uime sin cha chaomhain e ann an là an dìoghaltais. |
|
| 35 |
|
| Cha bhi suim aige do èirig air bith; cha mhò a thoilichear e, ged bheir thu dha mòran thìodhlacan. |
|
|
|
|