Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Agus their thu anns an là sin, Molaidh mi thu, O Thighearna; ged bha thu feargach rium, tha d’fhearg air a tilleadh air falbh, agus thug thu comhfhurtachd dhomh. |
| 2 |
| Feuch, is e Dia mo shlàinte; earbaidh mi, agus cha bhi eagal orm; oir is e an Tighearna Iehòbhah mo neart agus mo cheòl; is e fòs as slàinte dhomh. |
| 3 |
| An sin tàirngidh sibh uisge le aoibhneas à tobraichean na slàinte. |
| 4 |
| Agus anns an là sin their sibh, Molaibh an Tighearna, gairmibh air a ainm; cuiribh an cèill a ghnìomharan am measg nan cinneach; cumaibh air chuimhne gu bheil a ainm air àrdachadh. |
| 5 |
| Canaibh don Tighearna, oir rinn e gnìomh òirdheirc; tha seo aithnichte anns an talamh uile. |
| 6 |
| Eigh gu h‑àrd, agus dèan iolach, a bhean-àiteachaidh Shioin; oir is mòr ann ad mheadhon Tì naomh Israeil. |
| Save Notes |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/isaiah/012.mp3
66
12