×

Bìoball Gàidhlig 1992

Isaiah 13

1
Trom-eallach Bhàbiloin, a chunnaic Isaiah mac Amois.
2
Air sliabh àrd togaibh suas bratach; èighibh riu gu h‑àrd; sìnibh ur làmh, a‑chum gun tèid iad a‑steach air geatachan nan uaislean.
3
Thug mi àithne dom dhaoine coisrigte: seadh, ghairm mi mo dhaoine treuna a‑chum mo chorraich a chur an gnìomh; muinntir a tha a’ dèanamh luathghaire ann am mhòrachd.
4
Fuaim mòr-chuideachd anns na slèibhtean amhail sluagh mòr; fuaim luasgadh rìoghachdan chinneach air an cruinneachadh le chèile; tha Tighearna nan sluagh a’ deasachadh feachd a‑chum catha.
5
Tha iad a’ teachd o thìr chèin, o iomall nan nèamhan, an Tighearna agus buill-airm a chorraich, a mhilleadh na tìre gu lèir.
6
Guilibh gu h‑àrd, oir tha là an Tighearna dlùth; mar lèirsgrios on Uile-chumhachdach thig e.
7
Air an adhbhar sin lagaichear na h‑uile làmhan, agus leaghaidh cridhe gach duine.
8
Agus bidh iad fo uamhas; nì piantan agus guinean greim orra; mar mhnaoi ri saothair cràidhear iad; seallaidh iad gach aon air a chèile le iongantas; mar lasraichean teine bidh an aodainn.
9
Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, garg le feirg agus le dian-chorraich, a chur na tìre fàs, agus a sgrios nan ciontach a‑mach aisde.
10
Oir cha tabhair reultan nèimh agus a co‑shoillse uapa an solas; bidh a’ ghrian air a dorchadadh na dol a‑mach, agus cha toir a’ ghealach air a solas dealradh.
11
Agus dìolaidh mise air an t‑saoghal an droch-bheairt, agus air na h‑aingidh an euceart; agus cuiridh mi crìoch air àrdan nan uaibhreach, agus leagaidh mi sìos uaill nan uamhasach.
12
Nì mi duine nas luachmhoire na òr grinn; seadh duine na fìor òr na h‑Ophir.
13
Uime sin luaisgidh mi na nèamhan, agus gluaisear an talamh as a àit, ann am feirg Tighearna nan sluagh, agus ann an là a dhian-chorraich.
14
Agus bidh iad mar earb air a ruagadh, agus mar threud chaorach nach eil neach a’ cuartachadh; tionndaidhidh iad gach aon a‑chum a shluaigh fhèin; agus teichidh iad gach aon gu a dhùthaich fhèin.
15
Gach fear a ghlacar, sàthar troimhe e; agus na h‑uile a dhlùth-leanas ri chèile, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh.
16
Agus pronnar an naoidheanan fa chomhair an sùl; bidh an taighean air an creachadh, agus am mnathan air an èigneachadh.
17
Feuch, dùisgidh mi suas nan aghaidh na Medich, aig nach bi meas air airgead; agus airson òir, cha bhi suim aca dheth.
18
Pronnaidh am boghachan na h‑òganaich, agus cha dèan iad iochd air toradh na bronn; cha ghabh an sùil truas de leanaban.
19
Agus bidh Bàbilon, maise nan rìoghachdan, glòir uaill nan Caldèanach, mar an lèirsgrios a thug Dia air Sòdom agus Gomorrah.
20
Chan àitichear gu bràth i, cha mhò a ghabhar còmhnaidh innte air feadh linn nan linn; cha suidhich an t‑Arabach bùth an sin; cha mhò a nì buachaillean buaile an sin.
21
Ach gabhaidh fiadh-bheathaichean an fhàsaich còmhnaidh an sin; agus bidh an taighean làn de uamh-bheistean; agus gabhaidh na cailleachan-oidhche tàmh an sin, agus nì na gobhair fhiadhaich mire an sin.
22
Agus freagraidh na h‑eòin fhiadhaich a chèile na lùchairtean, agus na dràgonan anns na seòmraichean aoibhinn, agus tha a h‑àm am fagas, agus cha bhi a làithean air an sìneadh.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes