Trom-eallach na h‑Eiphit. Feuch tha an Tighearna a’ marcachd air neul luath, agus a’ teachd don Eiphit; agus bidh iodhalan na h‑Eiphit air an gluasad na fhianais; agus leaghaidh cridhe na h‑Eiphit na meadhon.
Agus cuiridh mise Eiphitich an aghaidh Eiphiteach; agus cogaidh iad gach fear an aghaidh a bhràthar, agus gach fear an aghaidh a choimhearsnaich; baile an aghaidh baile, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.
Agus fannaichidh spiorad na h‑Eiphit na meadhon; agus cuiridh mi ann an neo-bhrìgh a comhairle; agus iarraidh iad a‑chum nan iodhalan, agus a‑chum nan draoidhean, agus a‑chum na muinntir aig a bheil leannain-shìth, agus a‑chum an luchd-fiosachd.
Agus tionndaidhidh iad na h‑aibhnichean fad a lethtaobh, agus bidh na sruthan-dìonaidh air an dèanamh falamh agus tioram; seargaidh a’ chuilc agus an luachair.
Na luibhean ùrar ri taobh nan sruth, aig beul nan sruth, agus gach nì a chuireadh an cois nan sruth, seargaidh, sguabar air falbh, agus cha bhi e ann nas mò.
Agus nì na h‑iasgairean bròn, agus nì iadsan uile, a tha a’ tilgeadh dubhain anns an abhainn, caoidh; agus fannaichidh iadsan a tha a’ sgaoileadh lìon air aghaidh nan uisgeachan.
Gu cinnteach is amadain ceannardan Shòain; thug comhairlichean glice Phàraoh comhairle mhì-chèillidh; cionnas a their sibh ri Phàraoh, Is mise mac nan daoine glice, mac nan rìghrean a bha ann o chian?
Càit a bheil iad? Cia iad do dhaoine glice? Innseadh iad dhut a‑nis, agus cuireadh iad an cèill, ciod i comhairle Tighearna nan sluagh a‑thaobh na h‑Eiphit.
Dh’fhàs ceannardan Shòain nan amadain, tha ceannardan Noph air am mealladh; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran, eadhon luchd-taice a treubhan.
Mheasg an Tighearna nam meadhon spiorad seachrain; agus thug iad air an Eiphit dol air seachran na h‑uile obraichean, cosmhail ri misgear a’ tuisleachadh na sgeith.
Agus bidh tìr Iùdah na cùis-eagail don Eiphit; gach neach a nì luaidh oirre, gabhaidh e eagal ann fhèin; airson comhairle Tighearna nan sluagh, a ghabh e na h‑aghaidh.
Anns an là sin, bidh còig bailtean ann an tìr na h‑Eiphit a’ labhairt cainnt Chanàain, agus a’ mionnachadh do Thighearna nan sluagh; goirear de aon dhiubh Baile an Sgrios.
Agus bidh e mar chomharradh agus mar fhianais do Thighearna nan sluagh ann an tìr na h‑Eiphit; oir glaodhaidh iad ris an Tighearna airson an luchd-sàrachaidh, agus cuiridh e dan ionnsaigh fear-saoraidh, eadhon fear treun, agus fuasglaidh e iad.
Agus bidh an Tighearna aithnichte don Eiphit, agus aithnichidh na h‑Eiphitich an Tighearna anns an là sin; agus bheir iad ìobairt agus tabhartas uapa; agus geallaidh iad gealladh don Tighearna, agus coileanaidh iad e.
Agus buailidh an Tighearna an Eiphit, a’ bualadh agus a’ leigheas; agus tillidh iad a dh’ionnsaigh an Tighearna, agus èisdidh esan rin guidhe, agus lèighsidh e iad.
Anns an là sin bidh rathad mòr on Eiphit gu Asiria; agus thig an t‑Asirianach don Eiphit, agus an t‑Eiphiteach gu Asiria; agus nì an t‑Eiphiteach adhradh maille ris an Asirianach.