Is an‑aoibhinn do chrùn uaibhreach misgearan Ephraim, agus do bhlàth seargach am maise glòrmhoir; dhaibhsan a tha air ceann a’ ghlinn bheartaich, a tha air an leagadh sìos le fìon.
Feuch, tha aig an Tighearna fear cumhachdach agus làidir, mar stoirm mheallain, mar dhoininn mhilltich, mar thuil uisgeachan mòra a’ taomadh thairis, a thilgeadh sìos a‑chum an làir le a làimh.
Agus bidh blàth seargach am maise glòrmhoir, a tha air ceann a’ ghlinn bheartaich, mar am meas luath ron t‑samhradh, a chì an neach a dh’amhairceas air, agus cha luaithe bhios e na làimh na dh’itheas e suas e.
Ach chaidh iadsan fòs a thaobh le fìon, agus le dibh làidir chaidh iad air seachran; chaidh an sagart agus am fàidh a thaobh le dibh làidir, shluigeadh suas iad le fìon, chaidh iad air seachran le dibh làidir; chaidh iad am mearachd ann an sealladh, thuislich iad ann am breitheanas.
Ach bidh facal an Tighearna dhaibhsan na àithne air àithne, àithne air àithne; rann air roinn, rann air roinn; beagan an seo, beagan an siud; a‑chum gun rachadh iad, agus gun tuiteadh iad air an ais, agus gum biodh iad air am briseadh, agus air an ribeadh, agus air an glacadh.
A chionn gun dubhairt sibh, Dhaingnich sinn coicheangal ris a’ bhàs, agus ris an uaigh rinn sinn còrdadh; nuair a shiùbhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, cha ruig i sinne; oir ghabh sinn a’ bhreug mar ar dìdein, agus fo cheilg dh’fhalaich sinn sinn fhèin.
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch suidhichidh mise mar stèidh ann an Sion clach, clach dhearbhte, clach-chinn na h‑oisinn; sàr bhunait; esan a chreideas, cha chuirear gu amhluadh e.
Agus tomhaisidh mise a‑mach breitheanas leis an riaghailt, agus ceartas leis an t‑sreing-thomhais; agus sguabaidh a’ chlach-mheallain air falbh an dìdein-bhrèige, agus còmhdaichidh na h‑uisgeachan an t‑àite-falaich.
Agus brisear ur coicheangal ris a’ bhàs, agus cha seas ur còrdadh ris an uaigh: nuair a shiùbhlas a’ phlàigh thairis mar thuil, an sin bidh sibhse air ur saltairt sìos leatha.
On àm anns an siubhail i troimhe, nì i greim oirbh; oir madainn an dèidh maidne siùbhlaidh i troimhe, a là agus a dh’oidhche; agus dùisgidh eadhon an t‑iomradh a‑mhàin uamhainn.
Oir èiridh an Tighearna suas, mar ann an sliabh Pherasim, bidh corraich air mar ann an gleann Ghibeoin; a‑chum gun coilean e a obair fhèin, obair neo-ghnàthach; agus gun dèan e a ghnìomh fhèin, a ghnìomh coimheach.
Agus a‑nis, na bithibh ri fanaid, air eagal gun dèanar ur cuibhrichean làidir; oir chuala mi o Iehòbhah, Tighearna nan sluagh, sgrios, eadhon air a shònrachadh air an tìr uile.
Nuair a nì e a aghaidh còmhnard, nach sgaoil e an sin a’ mheanbh-pheasair, agus nach sgap e an cumin; agus nach cuir e an cruithneachd anns an àite as fheàrr, agus an t‑eòrna anns an ionad shuidhichte, agus an seagal na chrìch fhèin?
Oir chan eil a’ mheanbh-pheasair air a bualadh le inneal-bualaidh: cha mhò a bheirear air roth feuna tionndadh air a’ chumin; ach tha a’ mheanbh-pheasair air a bhualadh le slait, agus an cumin le luirg.