Is truagh don chloinn cheannaircich, deir an Tighearna, a tha a’ dealbh chomhairlean, ach chan ann uamsa; a tha a’ còmhdach le brat-falaich, ach chan ann lem spiorad-sa; a‑chum gun cuir iad peacadh ri peacadh:
A tha ag imeachd gu dol sìos don Eiphit, ach nach d’fhiosraich dhìomsa; a‑chum iad fhèin a neartachadh le neart Phàraoh, agus a dhèanamh buin à sgàil na h‑Eiphit.
Eallach ainmhidhean na h‑àird a deas; gu tìr airce agus èiginn as an tig an leòmhann òg agus an seann leòmhann, an nathair nimhe, agus an nathair theinnteach itealach; giùlainidh iad an saoibhreas air gualainn nan asal òga, agus an ionmhas air croit nan càmhal, a dh’ionnsaigh sluaigh nach tabhair buannachd dhaibh.
A tha ag ràdh ris na fir-sheallaidh, Na faicibh; agus ris an fàidhean, Na labhraibh nithean cearta rinn ann am fàistneachd; labhraibh rinn nithean mìne; dèanaibh fàistneachd cheilge:
Air an adhbhar sin, mar seo deir Tì naomh Israeil, A chionn gu bheil sibh a’ dèanamh tàire air an fhacal seo, agus ag earbsa à claonadh agus à ceannairc, agus a’ leigeil ur taice ris:
Agus brisidh e e, mar bhriseadh soitheach a’ chreadhadair, a bhrisear na bhloighdean; cha chaomhain e, air chor is nach faighear, na bhriseadh, sgealb a thogas teine on teinntean, no a bheir uisge on tobar.
Oir mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Tì naomh Israeil, ann an tilleadh, agus ann an sàmhchair, tèarnar sibh; ann an suaimhneas agus ann an earbsa bidh ur neart; ach cha b’àill leibhse.
Ach thubhairt sibh, Chan eadh, ach air eich teichidh sinn; air an adhbhar sin teichidh sibh; agus air ainmhidhean luatha marcaichidh sinn; uime sin bidh iadsan luath a leanas air ur tòir.
Teichidh aon mhìle ro achmhasan aoin; ro achmhasan chòignear teichidh sibh, gus am fàgar sibh mar chrann lom air mullach slèibh, agus mar bhrataich air cnoc.
Agus air an adhbhar seo feithidh an Tighearna, a‑chum gun nochd e deagh-ghean dhuibh; agus air an adhbhar seo àrdaichear e, a‑chum gun nochd e tròcair dhuibh; oir is Dia ceart-bhreitheach an Tighearna; is beannaichte iadsan uile a tha a’ feitheamh ris-san.
Oir gabhaidh sluagh còmhnaidh ann an Sion, ann an Ierusalem; cha ghuil thu nas mò; nì e mòr-thròcair ort, ri guth do ghlaoidh; cho luath is a chluinneas e, bheir e freagradh dhut.
Agus ged bheir an Tighearna dhuibh aran airce agus uisge àmhghair, gidheadh cha bhi do luchd-teagaisg air am fògradh fad as; ach bidh do shùilean a’ faicinn do luchd-teagaisg.
Agus cluinnidh do chluasan facal od chùlaibh, ag ràdh, Seo an t‑slighe, gluaisibh innte, nuair a thionndaidheas sibh a‑chum na làimhe deise, no a‑chum na làimhe clìthe.
An sin bheir e uisge airson do shìl, leis an cuir thu d’fhearann; agus aran de thoradh na talmhainn, agus bidh e reamhar agus pailt; anns an là sin, ionaltraidh do sprèidh ann an àilean farsaing;
Agus ithidh na daimh, agus na h‑asail òga a threabhas am fearann, innlinn air a deagh ghlanadh, air a grèidheadh leis a’ ghuit agus leis an t‑sluasaid.
Agus bidh solas na gealaich mar sholas na grèine, agus bidh solas na grèine a sheachd uiread, mar sholas sheachd làithean; an là anns an ceangail an Tighearna suas briseadh a shluaigh, agus anns an leighis e lot a bhuille.
Feuch, tha ainm an Tighearna a’ teachd o chèin, a’ losgadh le fheirg, agus an eallach trom; tha a bhilean air an lìonadh le corraich, agus a theanga mar theine caithteach.
Agus bidh a anail mar shruth dian a’ ruith thairis, a’ ruigheachd gu meadhon a’ mhuineil; a dh’fhasgnadh nan cinneach le fasgan an dìomhanais; agus bidh srian ann an giallan an t‑sluaigh, gan tarraing air seachran.
Bidh ceòl agaibh, mar anns an oidhche anns an coimheadar fèill naomh; agus gàirdeachas cridhe, amhail nuair a dh’imicheas neach le ceòl pìoba, a‑chum dol gu sliabh an Tighearna, gu Carraig Israeil.
Agus bheir an Tighearna fa‑near gun cluinnear a ghuth glòrmhor, agus gum faicear leagadh a‑nuas a ghàirdein, le corraich ghairg, agus le lasair teine chaithtich; le sgapadh, agus doininn, agus clachan-meallain.
Agus anns gach àite anns an siubhail an t‑slat shònraichte, a leagas an Tighearna air, bidh tiompan agus clàrsaichean; agus le cruaidh-chòmhraig cogaidh e leatha.
Oir dh’ullaicheadh Tophet o shean; eadhon airson an rìgh tha sin air ullachadh; rinn e domhain e, rinn e farsaing e; cruach theine agus mòran connaidh; tha anail an Tighearna, mar shruth pronnaisg, ga fhadadh.