Agus chuir e Eliacim a bha os cionn an taighe, agus Sebnah an sgrìobhaiche, agus seanairean nan sagart, còmhdaichte le aodach-saic, gu Isaiah mac Amois, am fàidh.
Agus thubhairt iad ris, Mar seo deir Heseciah, Is là teinn agus achmhasain agus maslaidh an là seo; oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu breith chan eil ann.
Theagamh gun tabhair an Tighearna do Dhia fa‑near briathran Rab-saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: cuir thusa, matà, suas ùrnaigh airson an iarmaid a dh’fhàgadh.
Agus thubhairt Isaiah riu, Mar seo their sibh ri ur tighearna, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Na biodh eagal ort airson nam briathran a chuala tu, leis an tug òglaich rìgh Asiria masladh dhòmhsa.
Mar seo their sibh ri Heseciah rìgh Iùdah, Na mealladh do Dhia thu, as a bheil thu ag earbsa, ag ràdh, Cha toirear Ierusalem thairis do làimh rìgh Asiria.
Agus ghabh Heseciah an litir o làimh nan teachdairean, agus leugh e i; agus chaidh Heseciah suas do thaigh an Tighearna, agus sgaoil e i am fianais an Tighearna.
O Thighearna nan sluagh, a Dhia Israeil, a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban; is tusa fhèin ad aonar Dia uile rìoghachdan na talmhainn; is tu a rinn na nèamhan agus an talamh.
Crom, O Thighearna, do chluas, agus cluinn; fosgail, O Thighearna, do shùilean, agus faic; agus cluinn uile bhriathran Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dè bheò.
An sin chuir Isaiah mac Amois fios gu Heseciah, ag ràdh, Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, A‑thaobh na h‑ùrnaigh a rinn thu rium mu thimcheall Shenacherib rìgh Asiria;
Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall-san: Rinn òigh-nighean Shioin tàir ort, rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh.
Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò a thog thu do ghuth na aghaidh, agus a thog thu suas do shùilean gu h‑àrd? An ann an aghaidh Tì naomh Israeil?
Led luchd-muinntir mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a’ chuid as àirde de a chraobhan seudair, rogha a chraobhan giuthais; agus thèid mi a‑steach do ionad àrd a chrìche, frìth a Charmeil.
Nach cuala tu o shean gun do rinn mi e, agus o aimsirean cèin gun do dhealbh mi e? A‑nis thug mi gu crìch e, gum biodh tusa a‑chum bailtean daingnichte a chur fàs nan cùirn sgrios.
Uime sin bha an luchd-àiteachaidh air bheag neart; bha iad fo gheilt-chrith agus amhluadh; bha iad mar fheur na machrach, agus mar an luibh uaine; mar fheur mullach an taighe, agus mar an t‑arbhar a sheargas mum fàs e suas.
A chionn gun tàinig do bhoile am aghaidh, agus d’àrdan a‑nìos gum chluasan; air an adhbhar sin cuiridh mi mo dhubhan ann ad shròin, agus mo shrian ann ad bheul; agus tillidh mi air d’ais thu air an t‑slighe air an tàinig thu.
Agus bidh seo na chomharradh dhut: Ithibh air a’ bhliadhna seo an nì sin a dh’fhàsas leis fhèin, agus an dara bliadhna an nì a chinneas as a sin; agus an treas bliadhna cuiribh agus buainibh; agus suidhichibh fìon-liosan, agus ithibh an toradh.
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna mu thimcheall rìgh Asiria, Cha tig e a‑steach don chathair seo, agus cha tilg e saighead innte, agus cha tog e sgiath fa comhair, agus cha chuir e suas tòrr na h‑aghaidh.
Agus chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach ceud agus ceithir-fichead agus còig mìle; agus nuair a dh’èirich daoine anns a’ mhadainn, bha iad sin uile nan cuirp mharbha.
Agus thàrladh, nuair a bha e ri adhradh ann an taigh Nisroch, a dhia, gun do bhuail Adramelec agus Sareser, a mhic, e leis a’ chlaidheamh, agus theich iad do thìr Armenia; agus rìghich Esarhadan a mhac na àite.