Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs; agus thàinig Isaiah am fàidh, mac Amois, da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cuir do thaigh an òrdagh; oir gheibh thu bàs, agus cha mhair thu beò.
Agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.
Falbh agus abair ri Heseciah, Mar seo deir an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir; feuch, cuiridh mi rid làithean còig-bliadhna-deug;
Feuch, bheir mi air ais dubhar nan ceum, a tha air dol leis a’ ghrèin air ceuman Ahais, deich ceuman air ais. Agus thill a’ ghrian air a h‑ais deich ceuman air na ceuman air an deachaidh i sìos.
Thubhairt mi, Chan fhaic mi nas mò an Tighearna, eadhon an Tighearna, ann an tìr nam beò; cha seall mi air duine nas mò, maille ri luchd-àiteachaidh an t‑saoghail.
Tha m’aois air dealachadh rium, agus dh’atharraicheadh i air falbh mar phàillean buachaille; ghearradh as mo bheatha mar gum b’ann leis an fhigheadair; tha e gam chlaoidh le tinneas caithteach; o là eadhon gu oidhche tha thu a’ cur as dhomh.
Mar ghòbhlan-gaoithe no mar chòrr, rinn mi cànran; rinn mi caoidh mar chalaman: tha mo shùilean air fàilneachadh le sealltainn suas. O Thighearna, tha mi air mo shàrachadh; bi thusa ad urras dhomh.
Bha an Tighearna leam gum thèarnadh; air an adhbhar sin seinnidh sinn mo dhàin air na h‑innealan-ciùil, uile làithean ar beatha, ann an taigh an Tighearna.