Cò seo a tha a’ teachd o Edom, le culaidh dhathte o Bhosrah? E seo a tha sgiamhach na èideadh, a’ siubhal ann am mòrachd a neirt? Mise, a tha a’ labhairt ann am fìreantachd, cumhachdach gu tèarnadh.
Shaltair mi an t‑amar am aonar, agus de na slòigh cha robh aon neach maille rium; oir shaltair mi orra ann am fheirg, agus phronn mi iad ann am chorraich; agus chrathadh am fuil air mo chulaidh, agus tharraing mi sal air m’èideadh uile.
Agus dh’amhairc mi, agus cha robh fear-cuideachaidh ann; agus b’ioghnadh leam nach robh fear-taice ann; uime sin dh’obraich mo ghàirdean fhèin slàinte dhomh, agus chùm mo chorraich fhèin taice rium.
Tròcairean an Tighearna aithrisidh mi, agus cliù an Tighearna; a rèir gach nì a bhuilich an Tighearna oirnn, agus meud a mhaitheis do thaigh Israeil, a dheònaich e dhaibh a rèir a choibhneis, agus a rèir lìonmhorachd a thròcairean.
Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.
An sin chuimhnich e na làithean o shean, Maois agus a shluagh, ag ràdh, Cia esan a thug a‑nìos iad on fhairge, le buachaille a threud? Cia esan a chuir a Spiorad naomh an taobh a‑staigh dheth?
Mar a thèid an sprèidh sìos don ghleann, thug Spiorad an Tighearna orra fois a ghabhail: mar sin threòraich thu do shluagh, a dhèanamh ainm glòrmhoir dhut fhèin.
Seall a‑nuas o nèamh, agus faic od ionad-còmhnaidh naomh agus glòrmhor; càit a bheil d’eud, agus do neart, lìonmhorachd do thròcairean agus do thruas dhìom? A bheil iad air an cumail air an ais?
Gu deimhinn is tusa ar n‑Athair, ged nach aithne do Abrahàm sinn, agus nach eil Israel a’ gabhail rinn; is tusa, a Thighearna, ar n‑Athair, ar Fear-saoraidh; tha d’ainm o shìorraidheachd.
Carson, a Thighearna, a thug thu oirnn dol air seachran od shlighean; agus a chruadhaich thu ar cridhe od eagal? Till air sgàth do sheirbhiseach, treubhan d’oighreachd fhèin.