Mar seo deir an Tighearna, Is iad na nèamhan mo rìgh-chathair, agus an talamh stòl mo chas; cia e an taigh a thogas sibh dhòmhsa? Agus cia e ionad mo chòmhnaidh?
Oir na nithean seo uile rinn mo làmh, agus na nithean seo uile is leamsa, deir an Tighearna; ach air an fhear seo amhaircidh mi, eadhon airsan a tha bochd agus leònte na spiorad, agus a chriothnaicheas rom fhacal.
Tha esan a mharbhas damh, mar gum mortadh e duine; esan a dh’ìobras uan, mar gun cuireadh e an ceann de mhadadh; esan a bheir seachad tabhartas, mar gun tugadh e seachad fuil mhuc; esan a loisgeas tùis, mar gum beannaicheadh e iodhal; seadh, roghnaich iad an slighean fhèin, agus nan gràinealachdan fhèin tha an anam a’ gabhail tlachd.
Roghnaichidh mise fòs am faoin-smaointean-san, agus an cùis-eagail bheir mi orra; a chionn gun do ghlaodh mi, agus nach tug aon neach freagradh; labhair mi, agus cha d’èisd iad; ach rinn iad olc ann am shealladh, agus an nì anns nach robh tlachd agam roghnaich iad.
Cluinnibh-se facal an Tighearna, sibhse a tha a’ criothnachadh ro a fhacal; ur bràithrean a tha a’ toirt fuath dhuibh, a thilg a‑mach sibh air sgàth m’ainme-sa, their iad, Biodh an Tighearna air a ghlòrachadh; ach foillsichear e a‑chum aoibhneis dhuibhse, agus cuirear iadsan gu amhluadh.
Cò a chuala a leithid seo? Cò a chunnaic an leithidean seo de nithean? An tabhair an talamh a‑mach a thoradh ann an aon là? Am bi cinneach air a bhreith a dh’aon bheum? Oir cha bu luaithe bha Sion ann an saothair na rug i a clann.
Dèanaibh gàirdeachas le Ierusalem, agus bithibh subhach air a son, sibhse uile len ionmhainn i; bithibh ro‑aoibhneach leatha, sibhse uile a tha ri bròn air a son;
A‑chum gun deoghail sibh, agus gum bi sibh sàsaichte le cìochan a sòlais; a‑chum gun tarraing sibh, agus gum faigh sibh toil-inntinn ann am pailteas a glòire.
Oir mar seo deir an Tighearna; Feuch, sgaoilidh mi sìth thairis oirre mar abhainn, agus glòir nan cinneach mar shruth a’ taomadh a‑nuas; an sin deoghlaidh sibh, giùlainear sibh air an leis, agus luaisgear sibh air na glùinean.
Nuair a chì sibh seo nì ur cridhe gàirdeachas; agus bidh ur cnàmhan ùrar mar am feur; agus foillsichear làmh an Tighearna da òglaich; ach lasaidh a fhearg an aghaidh a naimhdean.
Oir feuch, thig an Tighearna le teine, agus a charbad mar chuairt-ghaoith; a dhòrtadh a‑mach a chorraich mar ainteas, agus a achmhasain le lasraichean teine.
Iadsan a tha gan naomhachadh fhèin agus gan glanadh fhèin anns na liosan, air cùl aon chraoibh anns a’ mheadhon; ag ithe feòil mhuc, agus na gràinealachd, agus nan luch; gearrar as iad le chèile, deir an Tighearna.
Oir is aithne dhòmhsa an gnìomharan, agus an innleachdan; thig mi a chruinneachadh nan uile chinneach agus theangannan ri chèile; agus thig iad, agus chì iad mo ghlòir.
Agus cuiridh mi comharradh nam measg; agus a’ mhuinntir a thèid as dhiubh cuiridh mi a dh’ionnsaigh nan cinneach, gu Tarsis, Pul, agus Lud, a thàirngeas am bogha; gu Tubal agus Iabhan, na crìochan fad as; nach cuala iomradh orm, agus nach faca riamh mo ghlòir; agus cuiridh iad an cèill mo ghlòir am measg nan cinneach.
Agus bheir iad ur bràithrean uile, as gach cinneach, mar thabhartas don Tighearna; air eich agus air carbadan agus air uirighean, air muileidean, agus air ainmhidhean luath-chasach; gum shliabh naomh-sa Ierusalem, deir an Tighearna; amhail a bheir clann Israeil tabhartas ann an soitheach glan gu taigh an Tighearna.
Oir amhail a mhaireas na nèamhan nuadha, agus an talamh nuadh, a tha mi a’ cruthachadh, ann am fhianais, deir an Tighearna, mar sin mairidh ur sliochd-se, agus ur n‑ainm.
Agus tàrlaidh, o ghealaich ùir gu gealaich ùir, agus o shàbaid gu sàbaid, gun tig gach uile fheòil a dhèanamh adhraidh ann am làthair-sa, deir an Tighearna.
Agus thèid iad a‑mach, agus seallaidh iad air closaichean nan daoine a chiontaich am aghaidh; oir cha bhàsaich a’ chnuimh, agus cha mhùchar an teine; agus bidh iad nan gràinealachd do gach uile fheòil.