Is ceart thusa, O Thighearna, nuair a thagras mi riut: gidheadh, ceadaich dhomh labhairt riut mu thimcheall do bhreitheanais. Carson a tha slighe nan droch dhaoine a’ soirbheachadh? Carson a tha iadsan uile suaimhneach a tha ro‑aingidh?
Ach is aithne dhutsa mise, O Thighearna; chunnaic thu mi, agus dhearbh thu mo chridhe, gu bheil e leat: tarraing iad a‑mach mar chaoraich airson a’ chasgraidh, agus cuir air leth iad fa chomhair là a’ mharbhaidh.
Cia fhad a nì am fearann bròn, agus a bhios luibhean gach machrach a’ seargadh, airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh? Bhàsaich gach ainmhidh agus eun, a chionn gun dubhairt iad, Chan fhaic esan ar crìoch dheireannach.
Ma ruith thu leis na coisichean, agus gun do sgìthich iad thu, cionnas idir a nì thu strì ri eich? Agus ann am fearann sìth, ged robh agad dòchas, gidheadh ciod a nì thu ann an onfhadh Iòrdain?
Airson gun do bhuin eadhon do bhràithrean agus taigh d’athar, eadhon iadsan, gu fealltach riut; ruaig eadhon iadsan thu le èigh chruaidh; na creid iad ged labhair iad briathran caoine riut.
Bha m’oighreachd dhòmhsa mar eun breac; O euna fuileachdach, thigibh-se na h‑aghaidh air gach taobh; cruinnichibh, uile bheathaichean na machrach, thigibh a‑chum ithe suas.
Air gach uile thulaich anns an fhàsach thàinig an luchd-creachaidh; oir sluigidh claidheamh an Tighearna suas, o aon iomall den tìr gus an t‑iomall eile: cha bhi sìth aig aon fheòil.
Chuir iad cruithneachd, ach buainidh iad droigheann: shaothraich iad, ach cha bhuannaich iad; mar sin maslaichear sibh a‑thaobh ur cinneis, do bhrìgh lasair fearg an Tighearna.
Mar seo deir an Tighearna, A‑thaobh m’uile dhroch choimhearsnach, a tha a’ cur dragha air an oighreachd a thug mise mar sheilbh dom shluagh Israel; feuch, spìonaidh mi iad a‑mach as am fearann, agus as am meadhon spìonaidh mi a‑mach taigh Iùdah.
Agus tàrlaidh, an dèidh dhomh an tarraing a‑mach, gun till mi, agus gun gabh mi truas dhiubh, agus bheir mi iad air an ais, gach aon ga oighreachd fhèin, agus gach aon ga fhearann fhèin.
Agus tàrlaidh, ma dh’fhòghlaimeas iad da‑rìribh slighean mo shluaigh-sa, gu mionnachadh air m’ainm, mar as beò Iehòbhah, amhail a theagaisg iadsan dom shluagh-sa mionnachadh air Bàal, an sin daingichear iad ann am meadhon mo shluaigh.