Agus thàrladh, an dèidh mòran làithean, gun dubhairt an Tighearna rium, Eirich, imich gu Euphràtes, agus thoir as a sin an crios a dh’àithn mise dhut fhalach anns an àite sin.
An sin dh’fhalbh mi gu Euphràtes, agus chladhaich mi, agus thug mi an crios as an àite anns an d’fhalaich mi e; agus, feuch, bha an crios millte, cha b’fhiù airson nì sam bith e.
An sluagh olc seo, a tha a’ diùltadh mo bhriathran-sa èisdeachd, a tha a’ siubhal a rèir cruas an cridhe fhèin, agus a’ dol an dèidh dhia coimheach, gu seirbhis a dhèanamh dhaibh, agus gu adhradh a thoirt dhaibh; bidh iad eadhon mar an crios seo, nach fiù airson nì sam bith.
Oir mar a dhlùth-leanas an crios ri leasraidh duine, mar sin thug mise air taigh Israeil uile, agus air taigh Iùdah uile, dlùth-leantainn riumsa, deir an Tighearna; a‑chum gum biodh iad dhomh mar shluagh, agus mar ainm, agus mar chliù, agus mar ghlòir: ach chan èisdeadh iadsan.
Labhraidh tu riu fòs am facal seo, Mar seo deir Iehòbhah, Dia Israeil, Lìonar gach soireadh le fìon. Agus their iad riut, Nach eil fhios cinnteach againn gun lìonar gach soireadh le fìon?
An sin their thu riu, Mar seo deir an Tighearna, Feuch, lìonaidh mise luchd-àiteachaidh na tìre seo air fad, eadhon na rìghrean a tha nan suidhe ann an àite Dhaibhidh air a rìgh-chathair, agus na sagartan, agus na fàidhean, agus uile luchd-àiteachaidh Ierusaleim, le misg.
Agus pronnaidh mi iad an aghaidh a chèile, eadhon na h‑athraichean agus na mic le chèile, deir an Tighearna; cha ghabh mi truas, cha mhò a choigleas mi, cha mhò a nì mi iochd, air chor is nach sgriosainn iad.
Thugaibh-se glòir don Tighearna ur Dia, mun tig an dorchadas, agus mun tuislich ur casan air slèibhtean na doilleireachd; an sin, nuair a bhios ur sùil ri solas, caochlar e gu sgàil a’ bhàis, eadhon gu dorchadas tiugh.
Ach mura èisd sibh ris, guilidh m’anam ann an ionadan uaigneach airson ur n‑uabhair, agus guilidh mo shùil gu goirt, agus silidh mo dheòir gu pailt, a chionn gun toirear ann am bruid treud an Tighearna.
Tha bailtean na h‑àird a deas air an druideadh suas, agus chan eil neach gam fosgladh; tha Iùdah uile air a toirt ann am bruid, tha i gu h‑iomlan air a toirt ann am braighdeanas.
Ciod a their thu nuair a thig smachdachadh ort? An dèidh dhut a theagasg dhaibh riaghladh tharad mar cheannardan? Nach dèan ioghannan do ghlacadh, amhail mnà ri saothair?
Agus nuair a their thu ann ad chridhe, Carson a thàinig na nithean seo orm? Airson meud do chionta tha do sgiobaill air an leigeadh ris, tha do shàiltean air an rùsgadh.
Is e seo do chrannchur, an cuibhreann a thomhaiseadh leamsa air do shon, deir an Tighearna; a chionn gun do dhìochuimhnich thu mise, agus gun do chuir thu do dhòchas anns a’ bhrèig.
Chunnaic mi d’adhaltranas, agus do shitrich, agus do strìopachas mì‑nàireach, do ghràinealachdan air na cnuic, anns a’ mhachair. Mo thruaighe thu, O Ierusaleim! Nach bi thu air do ghlanadh? Cuin idir a bhios sin?