Mu thimcheall Mhòaib, Mar seo tha Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, ag ràdh: Is an‑aoibhinn do Nebo, oir tha e air a chreachadh! Tha Ciriataim air a chur gu amhluadh, air a ghlacadh; tha an daingneach àrd air a mhaslachadh; agus air a bhriseadh sìos.
Nas mò cha bhi uaill aig Mòab: ann an Hesbon dhealbh iad olc na aghaidh, ag ràdh, Thigibh, agus gearramaid as e o bhith na chinneach: millear thusa mar an ceudna, O Mhadmein, bidh an claidheamh air do thòir.
Oir a chionn gun d’earb thu à do mhaoin, agus à d’ionmhasan, air an adhbhar sin bidh tu fhèin fòs air do ghlacadh: agus thèid Chemos air falbh ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris.
Thig creachadair fòs air gach uile chathair; agus cha tèid cathair air bith as: agus millear an gleann, agus thèid an còmhnard a sgrios amhail a labhair an Tighearna.
Bha suaimhneas aig Mòab o a òige, agus shocraich e air a dheasgainean, agus cha do thàirngeadh a‑mach o shoitheach gu soitheach e, cha mhò a dh’imich e ann am braighdeanas: air an adhbhar sin mhair a bhlas ann, agus cha d’atharraicheadh a fhàile.
Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an cuir mise da ionnsaigh luchd-gluasaid, a bheir air dol air ghluasad, agus a dh’fhalmhaicheas a shoithichean, agus a bhriseas a shoireachan.
Tha Mòab air a chreachadh, agus air dol suas as a bhailtean, agus thàinig an òigridh thaghte-san a‑nuas a‑chum an àir, deir an Rìgh, don ainm Iehòbhah, Dia nan sluagh.
Guilibh air a shon, sibhse uile mun cuairt dha; agus sibhse uile don aithne a ainm, abraibh, Cionnas a bhriseadh slat-rìoghail na treasa, lorg na maise!
Thig a‑nuas od àilleachd, agus suidh ann an ìota, O nighean a tha ag àiteachadh Dhiboin; a chionn gu bheil creachadair Mhòaib air teachd a‑nìos ann ad aghaidh, fear-millidh do dhaingnichean.
Cuir air mhisg e; a chionn gun do thog e suas e fhèin an aghaidh an Tighearna; seadh, nì Mòab e fhèin aonairt na sgeith fhèin, agus bidh e mar an ceudna na bhall-fanaid.
Oir nach robh Israel na bhall-fanaid dhutsa? An d’fhuaireadh am measg mhèirleach e, gun tugadh tu ana-cainnt dha leis na h‑uile bhriathran a b’urrainn thu?
Fàgaibh na bailtean, agus gabhaibh còmhnaidh anns a’ charraig, O sibhse a tha ag àiteachadh Mhòaib; agus bithibh cosmhail ris a’ chalaman a nì a nead ann am bruaich bile na h‑uaimhe.
Guilidh mi air do shon, O fhìonain Shibmah; sgaoil do mheanglain thar an fhairge, ràinig iad gu ruig fairge Iaseir; air do mheas-samhraidh, agus air d’fhìon-fhogharadh bhuail am fear-millidh.
Agus tha aoibhneas agus gàirdeachas air an toirt air falbh on mhachair thorraich, eadhon o thìr Mhòaib; agus air fìon on amar-bhruthaidh chuir mise casgadh; am fear-bruthaidh cha bhrùth, an iolach chan iolach i.
O ghaoir Hesboin gu Elealeh, gu Iahas chuir iad a‑mach an guth, o Shòar gu ruig Horonaim, mar thrì-bliadhnach aighe; oir bidh eadhon uisgeachan Nimrim nan lèirsgrios.
Air an adhbhar sin nì mo chridhe fuaim mar phìoban airson Mhòaib; nì eadhon mo chridhe fuaim mar phìoban airson fir Chir-hereis: a chionn gun deachaidh am beartas a fhuair iad am mugha.
Air mullach uile thaighean Mhòaib, agus na shràidean, bidh tuireadh coitcheann: oir bhris mise Mòab mar shoitheach anns nach eil aig aon neach tlachd, deir an Tighearna.
Cionnas a bhriseadh sìos e! (bhùir iad); cionnas a thionndaidh Mòab a chùlaibh! Nàraicheadh Mòab, agus bidh e na bhall-fanaid, agus na uamhann dhaibhsan uile mun cuairt dha.
Esan a theicheas on uamhas, tuitidh e anns an t‑sloc, agus esan a dh’èireas as an t‑sloc, glacar e anns an ribe; oir bheir mise air, eadhon air Mòab, bliadhna a smachdachaidh, deir an Tighearna.
Fo sgàil Hesboin sheas iadsan a theich on ainneart: ach thig teine a‑mach o Hesbon, agus lasair à meadhon Shihoin, agus loisgidh e ceàrnan Mhòaib, agus mullach-cinn nan daoine ceannairceach.
Is an‑aoibhinn dhutsa, O Mhòaib! Tha thusa caillte, O shluaigh Chemois, oir thugadh do mhic air falbh ann am braighdeanas, do nigheanan ann am bruid mar an ceudna!