Mu thimcheall nan Amonach. Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Nach eil mic idir aig Israel? Nach eil oighre sam bith aige? Cuime a bheil sealbh aig Milcom air Gad, agus a shluagh a chòmhnaidh na bhailtean?
Uime sin, feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise fa‑near gun cluinnear ann an Rabah nan Amonach caismeachd cogaidh: agus bidh e na thòrr lèirsgrios, agus loisgear a nigheanan le teine: an sin bidh Israel na oighre air an dream a bha nan oighreachan airsan, deir an Tighearna.
Dèan ulartaich, O Hesboin, oir chreachadh Ai: èighibh, a nigheanan Rabah, cuiribh umaibh aodach-saic: dèanaibh tuireadh agus ruithibh air ur n‑ais agus air ur n‑aghaidh ri taobh nan callaidean; oir falbhaidh Milcom ann am braighdeanas, a shagartan agus a uachdarain maille ris.
Cuime a bheil thu ri uaill ann an gleanntan? Ged tha do ghleann torrach, O nighean cheannairceach; ag earbsa as a h‑ionmhasan, ag ràdh, Cò thig am ionnsaigh-sa?
Feuch, bheir mise uamhas ort, tha an Tighearna, Dia nan sluagh, ag ràdh, o gach uile thaobh mun cuairt dhut; agus iomainear a‑mach sibh, gach aon roimhe, agus cha bhi neach ann a chruinnicheas air an ais a’ mhuinntir a ghabhas an ruaig.
Mu thimcheall Edoim. Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Nach eil gliocas nas mò ann an Teman? An do bhàsaich comhairle nan daoine glice? An deachaidh an gliocas am mugha?
Teichibh, tillibh air ur n‑ais, rachaibh domhain a ghabhail còmhnaidh, O luchd-àiteachaidh Dhedain; oir bheir mise dòrainn Esau air, nuair a smachdaicheas mi e.
Ma thig luchd-tionail fhìondhearc ad ionnsaigh, chan fhàg iad uiread is dìoghlam: ma thig gadaichean anns an oidhche, creachaidh iad gus am bi aca nas leòr.
Oir rùisg mise Esau, leig mi ris a ionadan diamhair, air chor is nach faod e e fhèin fhalach; chreachadh a shliochd, agus a bhràithrean, agus a choimhearsnaich, agus chan eil e fhèin ann.
Seadh, mar seo deir an Tighearna, Feuch, iadsan nach robh cho toillteanach air òl den chuaich, dh’òl iad dhith gu deimhinn, agus am faod thusa dol saor as? Cha tèid thu as, ach gu deimhinn òlaidh tu.
Oir orm fhèin mhionnaich mise, deir an Tighearna, gum bi Bosrah na lèirsgrios, na mhasladh, na fhàsach, agus na mhallachadh; agus gum bi a uile bhailtean nam fàsaichean sìorraidh.
Chuala mi aithris on Tighearna, agus chuireadh teachdaire a‑chum nan cinneach, ag ràdh, Cruinnichibh ri chèile, agus thigibh na h‑aghaidh, agus èiribh suas a‑chum a’ chatha.
Rinn do mhòr-chumhachd do mhealladh, uabhar do chridhe, O thusa tha ag àiteachadh uamhan na carraig, a tha a’ gleidheadh àird a’ chnuic: ged dhèan thu gu h‑àrd, mar an iolair, do nead, as a sin bheir mise a‑nuas thu, deir an Tighearna.
Ceart mar ann an sgrios Shòdoim agus Ghomorrah, agus nan ionadan a bha dlùth dhaibh, deir an Tighearna, cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann.
Feuch, mar leòmhann thig e a‑nìos o ataireachd Iòrdain gu ionad-còmhnaidh nan cumhachdach. Gu deimhinn bheir mise fa‑near gu luath gu ruith e a‑nìos as a sin; agus cò e an gaisgeach taghte a chuireas mi os a chionn? Oir cò as cosmhail riumsa, no cò a chumas coinneamh rium, no càit a bheil am buachaille sin as urrainn seasamh ann am làthair?
Air an adhbhar sin èisdibh rùn an Tighearna, a rùnaich e an aghaidh Edoim, agus a smuaintean a smaoinich e an aghaidh luchd-àiteachaidh Themain: gu deimhinn spìonar air falbh àlach an treud, gu deimhinn nìthear lèirsgrios os an cionn den àite-còmhnaidh.
Feuch, thig e a‑nìos mar iolair ag itealaich, agus sgaoilidh e a sgiathan thar Bhosrah; agus bidh cridheachan laochraidh Edoim anns an là sin mar chridhe mnà ri saothair.
Mu thimcheall Dhamascais, Chuireadh gu amhluadh Hamat agus Arphad, oir chuala iad droch sgeul; tha iad fo iomagain mar mhuir bhuairte nach faod a bhith sàmhach.
Tha Damascas air fàs lag, tha e ga thionndadh fhèin gu teicheadh, agus fhuair eagal greim air; ghlac teanntachd e, agus ioghannan, mar mhnaoi ri saothair.
A‑thaobh Chedair, agus a‑thaobh rìoghachdan Hasoir, a bhuail Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin. Mar seo thubhairt an Tighearna, Eiribh, rachaibh suas gu Cedar, agus creachaibh daoine na h‑àird an ear.
Am bùthan agus an treudan glacadh iad, an cùirteinean agus an àirneis uile; agus an càmhalan gabhadh iad dhaibh fhèin; agus abradh iad riu, Uamhas air gach taobh.
Teichibh, imichibh gu luath, rachaibh domhain a ghabhail còmhnaidh, O luchd-àiteachaidh Hasoir, deir an Tighearna; oir ghabh Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin comhairle nur n‑aghaidh, agus dhealbh e innleachd nur n‑aghaidh.
Eiribh, rachaibh suas an aghaidh cinnich shuaimhnich, a tha a’ gabhail còmhnaidh gun chùram, deir an Tighearna; aig nach eil aon chuid dorsan no croinn; a tha a chòmhnaidh air leth leo fhèin.
Agus bidh an càmhalan nan cobhartaich, agus pailteas an sprèidhe na chreich, agus sgapaidh mise gus na h‑uile ghaothan iadsan a tha anns na ceàrnan iomallach, agus o gach uile thaobh dheth bheir mise an dòrainn, deir an Tighearna.
Agus bidh Hasor na ionad-còmhnaidh dhràgon, na fhàsach bith-bhuan; cha ghabh duine còmhnaidh an sin, cha mhò a thèid mac duine gu fuireach air chuairt ann.
Agus bheir mise air Elam ceithir gaothan o cheithir ceàrnan nèimh, agus sgapaidh mi iad ro na gaothan seo uile; agus cha bhi cinneach sam bith gus nach tig iadsan a dh’fhògradh o Elam.
Oir bheir mise air Elam a bhith fo gheilt ron naimhdean, agus ron mhuinntir a tha ag iarraidh an anama; agus bheir mi aimhleas orra, teas mo chorraich, deir an Tighearna; agus cuiridh mi nan dèidh an claidheamh gus an cuir mi as dhaibh.