|
| 1 |
|
| Cuimhnich, O Thighearna, ciod a thàinig oirnn: thoir fa‑near, agus faic ar masladh. |
|
| 2 |
|
| Thugadh thairis ar n‑oighreachd do choimhich, ar taighean do choigrich. |
|
| 3 |
|
| Tha sinn nar dìlleachdain, agus gun athair, ar màthraichean mar bhantraichean. |
|
| 4 |
|
| Dh’òl sinn ar n‑uisge airson airgid; tha ar fiodh air a reic rinn. |
|
| 5 |
|
| Le cuing ar muineal tha sinn air ar sìor leòn; tha sinn a’ saothrachadh, agus gun fhois againn. |
|
| 6 |
|
| Thug sinn an làmh do na h‑Eiphitich, agus do na h‑Asirianaich, a‑chum a bhith air ar sàsachadh le aran. |
|
| 7 |
|
| Pheacaich ar n‑athraichean, agus chan eil iad ann, agus ghiùlain sinne an euceartan. |
|
| 8 |
|
| Bha seirbhisich nan uachdarain oirnn; chan eil duine sam bith ann a shaoras on làmhan. |
|
| 9 |
|
| Fhuair sinn ar n‑aran le cunnart ar n‑anama, do bhrìgh claidheamh an fhàsaich. |
|
| 10 |
|
| Bha ar craiceann dubh mar àmhainn, do bhrìgh na gorta uamhasaich. |
|
| 11 |
|
| Dh’èignich iad na mnathan ann an Sion, na maighdeannan ann an cathraichean Iùdah. |
|
| 12 |
|
| Bha prionnsachan air an crochadh suas air an làimh: cha tug iad urram do aghaidh nan aosda. |
|
| 13 |
|
| Ghabh iad na h‑òganaich gu meileadh, agus thuit a’ chlann fon chonnadh. |
|
| 14 |
|
| Thrèig na seanairean an geata, na h‑òganaich an ceòl. |
|
| 15 |
|
| Sguir aoibhneas ar cridhe; chaochail ar dannsadh gu bròn. |
|
| 16 |
|
| Thuit an coron bhàrr ar cinn: mo thruaighe sinn, a chionn gun do pheacaich sinn. |
|
| 17 |
|
| Airson seo tha ar cridhe lag; airson nan nithean seo tha ar sùilean air an dorchachadh. |
|
| 18 |
|
| Airson sliabh Shioin a tha fàs; tha na sionnaich a’ coiseachd air. |
|
| 19 |
|
| Ach tha thusa, O Thighearna, maireannach gu sìorraidh; do chathair rìoghail o linn gu linn. |
|
| 20 |
|
| Cuime an dèan thu dearmad oirnn gu bràth, agus a bheil thu gar trèigsinn ùine cho fada? |
|
| 21 |
|
| Till sinne thugad, O Thighearna, agus bidh sinn air ar tilleadh: ath-nuadhaich ar làithean mar o shean. |
|
| 22 |
|
| Oir thilg thu sinn cian fada uat; bha thu ro‑fheargach nar n‑aghaidh. |
|
|
|
|