Ciod as ciall dhuibh gu bheil sibh a’ gnàthachadh an t‑sean-fhacail seo a‑thaobh dùthaich Israeil, ag ràdh, Dh’ith na h‑athraichean dearcan searbha, agus tha dèisinn air fiaclan na cloinne?
Mura d’ith e air na slèibhtean, cha mhò a thog e suas a shùilean ri iodhalan taigh Israeil, no a thruaill e bean a choimhearsnaich, no a thàinig e dlùth do mhnaoi a chuireadh air leth;
Agus mura do shàraich e aon neach, ach gun tug e a gheall air ais don fheumach; mura do chreach e neach air bith le fòirneart, ach gun tug e aran don acrach, agus gun do chòmhdaich e an lomnochd le aodach;
A ghluais ann am reachdan, agus a choimhead mo bhreitheanais, gu fìrinn a chur an gnìomh; seo an duine ionraic, mairidh esan gu deimhinn beò, deir an Tighearna Dia.
A shàraich am bochd agus am feumach, a chreach le fòirneart, nach tug air ais an geall, agus a thog suas a shùilean ri iodhalan, a chuir an gnìomh gràinealachd,
A thug seachad air ocar, agus a ghabh riadh: am mair e an sin beò? Cha mhair e beò: rinn e na gràinealachdan seo uile; gheibh e gu cinnteach bàs, bidh a fhuil air fhèin.
Nach do shàraich aon neach, nach do ghlèidh an geall, cha mhò a chreach le ainneart, ach a thug aran don acrach, agus a chòmhdaich an lomnochd le aodach;
A thog a làmh o na bochdan, nach do ghabh ocar no riadh, a rinn mo bhreitheanais, a ghluais ann am reachdan, chan fhaigh esan bàs airson aingidheachd a athar; mairidh e gu cinnteach beò.
A athair, a chionn gun do shàraich e gu h‑an‑iochdmhor, gun do chreach e a bhràthair le fòirneart, agus gun do rinn e an nì sin nach robh ceart am measg a shluaigh, feuch, bàsaichidh eadhon esan na aingidheachd.
Gidheadh tha sibhse ag ràdh, Carson? Nach eil am mac a’ giùlan aingidheachd an athar? Nuair a rinn am mac an nì sin a tha dligheach agus ceart, a ghlèidh e mo reachdan-sa uile, agus a rinn e iad, mairidh e gu cinnteach beò.
An t‑anam a chiontaicheas, gheibh esan bàs: cha ghiùlain am mac aingidheachd an athar, cha mhò a ghiùlaineas an t‑athair aingidheachd a’ mhic: bidh fìreantachd an fhìrein air fhèin, agus aingidheachd an aingidh air fhèin.
Ach ma thilleas an t‑aingidh o a uile aingidheachd a rinn e, agus gun coimhead e mo reachdan-sa, agus gun dèan e an nì sin a tha dligheach agus ceart, mairidh e beò, chan fhaigh e bàs.
A bheil tlachd air bith agamsa ann am bàs an aingidh? tha an Tighearna Dia ag ràdh: nach ann a tha mo thlachd na thilleadh o a shlighe, agus gum biodh e beò?
Ach nuair a thilleas am fìrean air falbh o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, a’ dèanamh a rèir nan uile ghràinealachdan a nì an t‑aingidh, am mair e beò? Air uile fhìreantachd a rinn e cha bhi iomradh: na chionta a chiontaich e, agus na pheacadh a pheacaich e, anntasan gheibh e bàs.
Gidheadh tha sibhse ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach. Eisdibh a‑nis, O thaigh Israeil, nach eil mo shlighean-sa cothromach? Nach eil ur slighean-se neo-chothromach?
Nuair a chlaonas am fìrean o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, agus a bhàsaicheas e innte; airson aingidheachd a rinn e, gheibh e bàs.
A‑rìs, nuair a thilleas an t‑aingidh air falbh o a aingidheachd a chuir e an gnìomh, agus a nì e an nì a tha dligheach agus ceart, gleidhidh e a anam beò.
Gidheadh tha taigh Israeil ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach. O thaigh Israeil, nach eil mo shlighean-sa cothromach? Nach eil ur slighean-se neo-chothromach?
Uime sin bheir mise breith oirbh, O thaigh Israeil, gach aon a rèir a shlighe, tha an Tighearna Dia ag ràdh. Gabhaibh aithreachas, agus tillibh o ur n‑uile chionta; mar sin cha dèan aingidheachd ur milleadh.
Tilgibh uaibh ur n‑uile chionta leis an do chiontaich sibh, agus dèanaibh dhuibh fhèin cridhe nuadh, agus spiorad nuadh; oir carson a bhàsaicheas sibh, O thaigh Israeil?