×

Bìoball Gàidhlig 1992

Eseciel 19

1
Os bàrr, tog thusa suas tuireadh airson uachdarain Israeil.
2
Agus abair, Ciod i do mhàthair? — leòmhann boireann: laigh i sìos am measg leòmhann, dh’altraim i a cuileanan am measg leòmhann òga.
3
Agus thog i suas aon de a cuileanan: dh’fhàs e na leòmhann òg, agus dh’fhòghlaim e breith air a’ chreich; shluig e daoine.
4
Chuala na cinnich fòs iomradh air, ghlacadh e nan sloc, agus thug iad e le slabhraidhean gu tìr na h‑Eiphit.
5
A‑nis, nuair a chunnaic i gun d’fhàs i lag, agus gun do chaill i a dòchas, an sin ghabh i aon eile de a cuileanan, agus rinn i leòmhann òg dheth.
6
Agus dh’imich e sìos agus suas am measg nan leòmhann, dh’fhàs e na leòmhann òg, agus dh’fhòghlaim e breith air a’ chreich; shluig e daoine.
7
Agus thug e fa‑near an àrois, agus chuir e fàs am bailtean; agus bha an dùthaich fo uamhas, agus an làn a bha innte, le fuaim a bheucaich.
8
An sin chruinnich na cinnich na aghaidh air gach taobh, o na mòr-roinnean, agus sgaoil iad an lìon thairis air: ghlacadh e nan sloc.
9
Agus chuir iad e an sàs ann an slabhraidhean, agus thug iad e gu rìgh Bhàbiloin; thug iad e gu daingnichean, a‑chum nach cluinnte tuilleadh a ghuth air slèibhtean Israeil.
10
Tha do mhàthair cosmhail ri fìonain, suidhichte ri taobh nan uisgeachan; bha i torrach, agus làn de gheugan, a thaobh mòran uisgeachan.
11
Agus bha slatan làidir aice, airson slatan-riaghlaidh nan uachdaran; agus bha a h‑àirde togte suas am measg nan tiugh-gheugan, agus chunnacas i na h‑àirde fhèin am measg lìonmhorachd a meanglan.
12
Ach spìonadh a‑nìos i ann an corraich, thilgeadh i sìos gu làr, agus thiormaich a’ ghaoth an ear suas a meas: bhriseadh agus sheargadh a slatan làidir, loisg an teine iad.
13
Agus a‑nis tha i air a suidheachadh anns an fhàsach, ann am fearann tioram, tartmhor.
14
Agus tha teine air dol a‑mach o shlait de a geugan a loisg a meas, air chor is nach eil slat làidir air bith aice gu bhith na slait gu riaghladh. Is tuireadh seo, agus bidh e na thuireadh.
Gaelic Bible (ABG) 1992
Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017 Scottish Bible Society 1992, 2017
:
Save Notes