An sin abair thusa, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha a’ chathair a’ dòrtadh fala na meadhon, a‑chum gun tigeadh a h‑àm, agus a’ dèanamh iodhalan na h‑aghaidh fhèin, gu i fhèin a thruailleadh.
Tha thu air fàs ciontach ann ad fhuil a dhòirt thu, agus thruaill thu thu fhèin ann ad iodhalan a rinn thu; agus thug thu air do làithean teachd dlùth, agus thàinig thu a‑chum do bhliadhnachan; uime sin rinn mise dhìot masladh do na cinnich, agus ball-magaidh do na h‑uile dhùthchannan.
Annadsa rinn iad dìmeas air athair agus màthair; ann ad mheadhon bhuin iad le ainneart ris a’ choigreach: annadsa shàraich iad an dìlleachdan agus a’ bhantrach.
Agus rinn aon gràinealachd le mnaoi a choimhearsnaich; agus thruaill aon eile gu gràineil nighean a mhnà; agus dh’ìslich neach eile annad a phiuthar, nighean a athar.
Annadsa ghabh iad duais gu fuil a dhòrtadh: ghabh thu ocar agus riadh, agus bhuannaich thu gu sanntach od choimhearsnaich le ana-cothrom, agus dhìochuimhnich thu mise, deir an Tighearna Dia.
A mhic an duine, tha taigh Israeil air fàs dhòmhsa mar shal; tha iad uile nan umha, agus nan stàn, agus nan iarann, agus nan luaidh, ann am meadhon na h‑àmhainn; chan eil annta ach sal airgid.
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun d’fhàs sibh uile nur sal, feuch, uime sin, cruinnichidh mise sibh gu meadhon Ierusaleim.
Mar a chruinnicheas iad airgead, agus umha, agus iarann, agus luaidhe agus stàn gu meadhon na h‑àmhainn, a‑chum an teine a shèideadh air, gus a leaghadh; is amhail a chruinnicheas mise sibhse ann am chorraich, agus ann am fheirg, agus fàgaidh mi sibh an sin, agus leaghaidh mi sibh.
Mar a leaghar airgead ann am meadhon na h‑àmhainn, is amhlaidh a leaghar sibhse na meadhon-se; agus aithnichidh sibh gun do dhòirt mise Iehòbhah a‑mach mo chorraich oirbh.
Tha co‑bhoinn fhàidhean na mheadhon; mar leòmhann beucach an tòir air a’ chreich: shluig iad anaman: ghlac iad an t‑ionmhas agus na nithean luachmhor: rinn iad a bhantraichean lìonmhor na mheadhon.
Bhris a shagartan mo reachd, agus mhì-naomhaich iad mo nithean naomha: cha do chuir iad dealachadh sam bith eadar an naomh agus am mì‑naomh, cha mhò a dh’fheuch iad ciod tha neòghlan, agus ciod glan: agus dh’fhalaich iad an sùilean om shàbaidean, agus tha mi air mo mhì-naomhachadh nam measg.
Agus chòmhdaich a fhàidhean iad le criadh gun obrachadh, a’ faicinn dìomhanais, agus a’ fàistneachd bhreug dhaibh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair nach do labhair an Tighearna.
Ghnàthaich sluagh an fhearainn ainneart, agus chuir iad an gnìomh reubainn, agus shàraich iad am bochd agus am feumach: seadh, rinn iad fòirneart air a’ choigreach gu h‑eucorach.
Agus dh’iarr mise airson duine nam measg a dhèanadh suas a’ challaid, agus a sheasadh anns a’ bhriseadh fam chomhair airson an fhearainn, a‑chum nach sgriosainn e; ach cha d’fhuair mi aon neach.