Bìoball Gàidhlig 1992
|
| 1 |
| Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh, |
| 2 |
| A mhic an duine, dèan fàistneachd agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Dèanaibh ulartaich; Och, an là! |
| 3 |
| Oir tha an là dlùth, eadhon là an Tighearna dlùth, là neulach, àm nan cinneach a bhios ann. |
| 4 |
| Agus thig an claidheamh air an Eiphit, agus bidh cràdh mòr ann an Etiopia, nuair a thuiteas iadsan a mharbhar anns an Eiphit, agus bheir iad a sluagh air falbh, agus brisear sìos a bunaitean. |
| 5 |
| Etiopia, agus Libia, agus Lidia, agus an sluagh co‑measgte gu lèir, agus Chub, agus muinntir na tìre a tha an co‑bhoinn, tuitidh leòsan leis a’ chlaidheamh. |
| 6 |
| Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Tuitidh iadsan fòs a tha a’ cumail suas na h‑Eiphit, agus thig uabhar a cumhachd a‑nuas: o thùr Shiene tuitidh iad innte leis a’ chlaidheamh, deir an Tighearna Dia. |
| 7 |
| Agus bidh iad fàs ann am meadhon nan dùthchannan fàsail, agus bidh a cathraichean ann am meadhon nan cathraichean a tha air am fàsachadh. |
| 8 |
| Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a chuireas mi teine anns an Eiphit, agus a sgriosar a h‑uile luchd-cuideachaidh. |
| 9 |
| Anns an là sin thèid teachdairean a‑mach uamsa ann an longan, a chur eagail air na h‑Etiopaich air nach eil cùram, agus thig cràdh mòr orra, mar ann an là na h‑Eiphit: oir feuch, tha e a’ teachd. |
| 10 |
| Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cuiridh mise fòs casg air mòr-shluagh na h‑Eiphit, le làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin. |
| 11 |
| Bheirear e fhèin agus a shluagh maille ris, a’ chuid as uamhasaiche de na cinnich, a sgrios na tìre: agus tàirngidh iad an claidheamh an aghaidh na h‑Eiphit, agus lìonaidh iad an talamh le mairbh. |
| 12 |
| Agus nì mise na h‑aibhnichean tioram, agus reicidh mi am fearann ri làimh nan aingidh; agus nì mi an tìr fàs, agus na h‑uile a tha innte, le làimh nan coimheach: mise Iehòbhah labhair e. |
| 13 |
| Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sgriosaidh mi fòs na h‑iodhalan, agus dìthichidh mi ìomhaighean a‑mach à Noph: agus cha bhi nas mò prionnsa air tìr na h‑Eiphit: agus cuiridh mi eagal ann am fearann na h‑Eiphit. |
| 14 |
| Agus nì mi Patros na fhàsach, agus cuiridh mi teine ann an Sòan, agus nì mi breitheanais ann an Nò. |
| 15 |
| Agus dòirtidh mi mo chorraich air Sin, neart na h‑Eiphit, agus gearraidh mi as muinntir Nò. |
| 16 |
| Agus cuiridh mi teine anns an Eiphit, bidh cràdh mòr air Sin, agus reubar Nò as a chèile, agus bidh Noph gach là ann an airc. |
| 17 |
| Tuitidh òganaich Abhein agus Phibeseit leis a’ chlaidheamh, agus imichidh na bailtean seo gu daorsa. |
| 18 |
| Ann an Tahapanes fòs bidh an là dorcha, nuair bhriseas mise an sin cuing na h‑Eiphit: agus sguiridh mòrchuis a neirt innte: seadh, falaichidh neul i, agus thèid a nigheanan air falbh ann am braighdeanas. |
| 19 |
| Mar seo nì mise breitheanais anns an Eiphit: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna. |
| 20 |
| Agus thàrladh, anns an aon-bhliadhna-deug, anns a’ chiad mhìos, air an t‑seachdamh là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh, |
| 21 |
| A mhic an duine, bhris mise gàirdean Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus, feuch, cha cheanglar e suas gu bhith air a leigheas, a chur crios air ga cheangal, ga dhèanamh làidir, a chumail a’ chlaidheimh. |
| 22 |
| Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus brisidh mi a ghàirdeanan, esan a tha làidir, agus esan a bhriseadh: agus bheir mi air a’ chlaidheamh tuiteam as a làimh. |
| 23 |
| Agus sgapaidh mi na h‑Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad air feadh nan dùthchannan. |
| 24 |
| Agus neartaichidh mi gàirdeanan rìgh Bhàbiloin, agus cuiridh mi mo chlaidheamh na làimh: ach brisidh mi gàirdeanan Phàraoh, agus nì e caoirean na fhianais, mar dhuine a tha leònte gu bàs. |
| 25 |
| Ach neartaichidh mi gàirdeanan rìgh Bhàbiloin, agus tuitidh gàirdean Phàraoh sìos; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a chuireas mi mo chlaidheamh ann an làimh rìgh Bhàbiloin, agus a shìneas e a‑mach e air tìr na h‑Eiphit. |
| 26 |
| Agus sgapaidh mi na h‑Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad air feadh nan dùthchannan; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna. |
|
| Sàbhail na notaichean |
https://beblia.bible:81/BibleAudio/gaelicabg/ezekiel/030.mp3
48
30