A mhic an duine, tog suas tuireadh airson Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus abair ris, Is cosmhail thu ri leòmhann òg de na cinnich, agus tha thu mar uabheist anns na cuantan; agus thàinig thu a‑mach led shruthan, agus chuir thu troimhe chèile na h‑uisgeachan led chasan, agus shalaich thu an aibhnichean.
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sgaoilidh mise uime sin mo lìon os do chionn, le cuideachd mòran chinneach, agus bheir iad a‑nìos thu ann am lìon.
An sin fàgaidh mi air an talamh thu, tilgidh mi a‑mach air an fhaiche luim thu, agus bheir mi air uile eunlaith an adhair laighe ort, agus bheir mi do uile bheathaichean na talmhainn an sàth dhìot.
Agus nuair a chuireas mi as thu, falaichidh mi na nèamhan, agus nì mi an reultan dorcha: còmhdaichidh mi a’ ghrian le neul, agus cha toir a’ ghealach seachad a solas.
Seadh, cuiridh mi air mòran dhaoine uamhas dod thaobh, agus bidh eagal ro‑mhòr air an rìghrean air do shon, nuair a thogas mise mo chlaidheamh nan làthair; agus criothnaichidh iad ann an tiota; gach aon airson a bheatha fhèin, ann an là do leagaidh-sa.
Le claidheamhan nan cumhachdach bheir mise air do mhòr-chuideachd tuiteam, leòsan uile as uamhasaiche de na cinnich; agus millidh iad mòrchuis na h‑Èiphit, agus bidh a mòr-shluagh gu lèir air an sgrios.
Sgriosaidh mi fòs a h‑ainmhidhean uile o thaobh nan uisgeachan mòra, agus cha chuir cas duine dragh orra tuilleadh, cha mhò a ghluaisear iad le iongannan ainmhidh.
Nuair a nì mi tìr na h‑Èiphit na fàsach, agus a bhios an dùthaich falamh den nì sin den robh i làn, nuair a bhuaileas mi na h‑uile a tha a chòmhnaidh innte, an sin aithnichidh iad gur mise an Tighearna.
Seo an tuireadh leis an tuir iad os a cionn: Nì nigheanan nan cinneach caoidh air a son: nì iad caoidh air a son, airson na h‑Èiphit, agus airson a mòr-shluaigh uile, deir an Tighearna Dia.
A mhic an duine, dèan cumha airson mòr-shluagh na h‑Èiphit, agus tilg sìos iad, i fhèin agus nigheanan nan cinneach iomraiteach, gu ionadan ìochdarach na talmhainn, maille riùsan a thèid sìos don t‑sloc.
Labhraidh cinn-fheadhna nan cumhachdach ris o mheadhon an ionaid ìochdaraich, maille riùsan a chuidich leis: chaidh iad sìos, tha iad nan laighe leis na neo-thimcheall-gheàrrte a mharbhadh leis a’ chlaidheamh.
Tha an uaighean air an suidheachadh air gach taobh den t‑sloc, agus tha a chuideachd mu thimcheall uaighe: iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh, a dhùisg uamhas ann an tìr nam beò.
An sin tha Elam agus a shluagh uile mu thimcheall a uaighe, iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh; chaidh iadsan sìos neo-thimcheall-gheàrrte gu ionadan ìochdarach na talmhainn, a dhùisg uamhas ann an tìr nam beò; gidheadh ghiùlain iad an nàire leòsan a chaidh sìos don t‑sloc.
Ann am meadhon nam marbh shuidhich iad leabaidh dha maille ra uile shluagh: tha an uaighean ma thimcheall, iad uile neo-thimcheall-gheàrrte air am marbhadh leis a’ chlaidheamh: ged a dhùisgeadh an uamhas ann an tìr nam beò, gidheadh ghiùlain iad an nàire leòsan a chaidh sìos don t‑sloc: chuireadh e ann am meadhon na muinntir a mharbhadh.
An sin tha Mesech, Tubal, agus a shluagh uile; tha an uaighean ma thimcheall: iad uile neo-thimcheall-gheàrrte, air am marbhadh leis a’ chlaidheamh, ged a sgaoil iad an uamhas ann an tìr nam beò.
Agus cha laigh iad leis na cumhachdaich, a thuit de na neo-thimcheall-gheàrrte, a chaidh sìos do ifrinn len airm-chogaidh; agus chuir iad an claidheamhan fon cinn, ach bidh an aingidheachd air an cnàmhan, ged a b’iad uamhas nan cumhachdach ann an tìr nam beò.
An sin tha Edom, a rìghrean, agus a phrionnsachan uile, a tha len neart nan laighe ann am fochar na muinntir a mharbhadh leis a’ chlaidheamh: laighidh iad leis na neo-thimcheall-gheàrrte, agus leòsan a thèid sìos don t‑sloc.
An sin tha prionnsachan na h‑àird a tuath, an t‑iomlan dhiubh, agus na Sìdonaich uile, a chaidh sìos leis na mairbh, len uamhas tha nàire orra den cumhachd; agus tha iad nan laighe neo-thimcheall-gheàrrte leòsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh, agus a’ giùlan an nàire leòsan a thèid sìos don t‑sloc.
Chì Phàraoh iad, agus bidh comhfhurtachd aige os cionn a mhòr-chuideachd uile, eadhon Phàraoh agus a fheachd gu lèir air am marbhadh leis a’ chlaidheamh, deir an Tighearna Dia.
Oir dhùisg mise m’uamhas ann an tìr nam beò: agus suidhichear esan ann am meadhon nan neo-thimcheall-gheàrrte, leòsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh, Phàraoh agus a shluagh gu lèir, deir an Tighearna Dia.