Agus tillidh mi air d’ais thu, agus cuiridh mi dubhain ann ad ghiallan, agus bheir mi a‑mach thu fhèin, agus d’fheachd uile, eich agus marcaich, iad uile air an èideadh leis gach uile ghnè armachd; cuideachd mhòr le targaidean agus le sgiathan, an t‑iomlan dhiubh ag iomairt chlaidheamhan:
An dèidh mòran làithean thigear gad amharc: anns na bliadhnachan deireannach thig thu don fhearann a thugadh air ais on chlaidheamh, a chruinnicheadh à mòran chinneach, an aghaidh slèibhtean Israeil, a bha fada fàs: ach thugadh a‑mach as na cinnich e, agus gabhaidh iadsan uile còmhnaidh ann an tèarainteachd.
Èiridh tu suas, agus thig thu mar dhoininn, bidh tu cosmhail ri neul a dh’fhalach an fhearainn, thu fhèin agus d’uile bhuidhnean, agus mòran sluaigh maille riut.
Agus their thu, Thèid mi suas gu tìr nam bailtean gun bhallachan, thig mi air a’ mhuinntir a tha aig fois, a tha a’ gabhail còmhnaidh ann an tèarainteachd, iad uile a’ gabhail còmhnaidh gun bhallachan, agus gun chroinn no dorsan aca,
A ghlacadh creiche, agus a ghlacadh cobhartaich; a thionndadh do làimhe air na h‑ionadan fàsa a tha a‑nis air an àiteachadh, agus air an t‑sluagh a chruinnicheadh a‑mach as na cinnich, a fhuair seilbh agus maoin, a tha a chòmhnaidh ann am meadhon na tìre.
Their Sèba, agus Dedan, agus ceannaichean Tharsis, agus a chuid bhailtean, riut, A bheil thu air teachd a ghlacadh cobhartaich? An do chruinnich thu do chuideachd a ghlacadh creiche? A thoirt leat òir agus airgid; a thoirt air falbh sprèidhe agus maoin; a ghlacadh creiche mòire?
Uime sin, a mhic an duine, dèan fàistneachd, agus abair ri Gog, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Anns an là anns an gabh mo shluagh-sa Israel còmhnaidh gu tèarainte, nach bi fhios agad?
Agus thig thu à d’àite, a‑mach as na h‑àirdean a tuath, thu fhèin agus mòran sluaigh maille riut, iad uile a’ marcachd air eich, buidheann mhòr, agus feachd cumhachdach:
Agus thig thu a‑nìos an aghaidh mo shluaigh-sa Israel, mar neul a dh’fhalach an fhearainn; tàrlaidh e anns na làithean deireannach, agus bheir mise thu an aghaidh m’fhearainn, a‑chum gun aithnich na cinnich mi, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl.
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, An tusa an tì mun do labhair mi o shean lem sheirbhisich, fàidhean Israeil, a rinn fàistneachd anns na làithean sin, rè bhliadhnachan, gun tugainn-sa thu nan aghaidh?
Agus tàrlaidh anns an àm cheudna, nuair a thig Gog an aghaidh fearann Israeil, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gun tig mo chorraich-sa a‑nìos ann am aodann.
Air chor is gun criothnaich ann am làthair-sa èisg na fairge, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, agus na h‑uile nithean snàigeach a shnàigeas air uachdar na talmhainn, agus na h‑uile dhaoine a tha air aghaidh na talmhainn; agus tilgear na slèibhtean sìos, agus tuitidh na h‑ionadan àrda, agus tuitidh a h‑uile balla gu talamh.
Agus gairmidh mise airson claidheimh na aghaidh air feadh m’uile shlèibhtean, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh; bidh claidheamh gach aon duine an aghaidh a bhràthar.
Agus tagraidh mi na aghaidh le plàigh agus le fuil, agus frasaidh mi air fhèin, agus air a bhuidhnean, agus air a’ mhòr-shluagh a tha maille ris, frasan tuilteach, agus clachan-meallain mòra, teine agus pronnasg.
Mar seo nì mi mòr mi fhèin, agus naomhaichidh mi mi fhèin: agus aithnichear mi ann an sùilean mòran chinneach, agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna.