Agus, feuch, thàinig glòir Dia Israeil o shlighe na h‑àird an ear: agus bha a ghuth mar thoirm mòran uisgeachan, agus dhealraich an talamh le a ghlòir.
Agus bha an sealladh seo a chunnaic mi cosmhail ris an t‑sealladh sin a chunnaic mi nuair a thàinig e a‑chum am baile a sgrios: agus bha a choslas mar an coslas a chunnaic mi aig sruth Chebair: agus thuit mi air m’aghaidh.
Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, tha thu a’ faicinn àite mo rìgh-chathrach, agus ionad buinn mo chas, far an gabh mi còmhnaidh ann am meadhon cloinn Israeil gu sìorraidh, agus m’ainm naomh-sa cha truaill taigh Israeil nas mò, iad fhèin no an rìghrean, len strìopachas, no le cairbhean an rìghrean nan ionadan àrda.
Le suidheachadh an stairsnich aig mo stairsnich-sa, agus am puist aig mo phuist-sa, agus am balla eadar mise agus iadsan, rinn iad eadhon m’ainm naomh a thruailleadh len gràinealachdan a chuir iad an gnìomh: uime sin chaith mise iad ann am chorraich.
Agus ma bhios nàire orra de gach nì a rinn iad, feuch dhaibh dreach an taighe, agus a chumachd, agus a dhol a‑mach, agus a theachd a‑steach, agus a uile choslas, agus a uile òrdaighean, agus a uile dheilbh, agus a uile reachdan; agus sgrìobh e nan sealladh, a‑chum gun coimhead iad a uile dhreach, agus a uile òrdaighean, agus gun dèan iad iad.
Agus is iad seo tomhaisean na h‑altarach ann an làmhan-coille, le leud boise ris gach aon làmh-choille; bidh eadhon làmh-choille na bonn, agus làmh-choille na leud, agus rèis na h‑iomall air an oir mun cuairt; agus bidh seo na chuartachadh don altair.
Agus on bhonn air an làr gu ruig an suidheachadh ìochdarach bidh dà làmh-choille, agus aon làmh-choille an leud; agus on t‑suidheachadh as lugha gus an suidheachadh as mò, bidh ceithir làmhan-coille, agus an leud aon làmh-choille.
Agus bidh am bonn ceithir làmhan-coille deug air fad, agus ceithir-deug air leud na cheithir cheàrnan; agus bidh an oir mun cuairt oirre leth làmh-choille; agus bidh a bonn làmh-choille mun cuairt, agus amhaircidh a ceuman ris an àird an ear.
Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is iad seo òrdaighean na h‑altarach anns an là anns an dèan iad i, a‑chum tabhartasan-loisgte ìobradh oirre, agus a‑chum fuil a chrathadh oirre.
Agus bheir thu do na sagartan, na Lèbhithich, a tha de shliochd Shadoic, a thig dlùth dhòmhsa a‑chum frithealadh dhomh, tha an Tighearna Dia ag ràdh, tarbh òg mar thabhartas-peacaidh.
Agus gabhaidh tu de a fhuil, agus cuiridh tu i air a ceithir adhaircean, agus air ceithir ceàrnan a buinn, agus air an oir mun cuairt: mar seo glanaidh agus nighidh tu i.
Agus air an dara là ìobraidh tu meann de na gobhair gun ghaoid, airson tabhartais-pheacaidh; agus glanaidh iad an altair, mar a ghlan iad i leis an tarbh.
Agus nuair a bhios na làithean seo air an crìochnachadh, tàrlaidh air an ochdamh là, agus mar sin sìos, gun ìobair na sagartan ur n‑ìobairtean-loisgte air an altair, agus ur n‑ìobairtean-sìth, agus gabhaidh mise ribh, deir an Tighearna Iehòbhah.