Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bidh geata na cùirte a‑staigh, a tha ag amharc ris an àird an ear, druidte rè nan sia làithean obrach: ach air an t‑sàbaid bidh e fosgailte, agus air là na rè nuaidh bidh e fosgailte.
Agus thèid an t‑uachdaran a‑steach air slighe sgàth-thaigh a’ gheata an taobh a‑muigh, agus seasaidh e aig ursann a’ gheata, agus deasaichidh na sagartan a thabhartas-loisgte, agus a thabhartasan-sìthe, agus nì e adhradh aig stairsnich a’ gheata: an sin thèid e a‑mach, ach cha druidear an geata gu anmoch.
Agus is e an tabhartas-bìdh ephah airson reithe, agus an tabhartas-bìdh airson nan uan mar a bhios na chomas a thoirt uaithe, agus hin ola airson ephah.
Agus deasaichidh e tabhartas-bìdh, ephah airson tairbh, agus ephah airson reithe: agus airson nan uan a rèir mar a bhios na chomas, agus hin ola airson ephah.
Ach nuair a thig muinntir an fhearainn an làthair an Tighearna anns na h‑àrd-fhèillean, esan a thèid a‑steach air slighe a’ gheata thuath gu adhradh, thèid e a‑mach air slighe a’ gheata dheas; agus esan a thèid a‑steach air slighe a’ gheata dheas, thèid e a‑mach air slighe a’ gheata thuath, cha till e air slighe a’ gheata air an deachaidh e a‑steach, ach thèid e a‑mach thall fa chomhair.
Agus air na fèillean, agus air na h‑àrd-fhèillean, is e an tabhartas-bìdh ephah airson tairbh, agus ephah airson reithe, agus airson nan uan a rèir a chomais, agus hin ola airson ephah.
A‑nis nuair a dheasaicheas an t‑uachdaran o a thoil fhèin ìobairt-loisgte, no tabhartasan-sìthe, gu toileach don Tighearna, fosglar dha an sin an geata a tha ag amharc ris an àird an ear, agus ullaichidh e ìobairt-loisgte, agus a thabhartas-sìth mar a rinn e air là na sàbaid: an sin thèid e a‑mach, agus an dèidh dha dol a‑mach, druidear an doras.
Agus ullaichidh tu tabhartas-bìdh air a shon gach aon mhadainn, an siathamh cuid a dh’ephah, agus an treas cuid de hin ola, a‑chum a mheasgadh leis a’ mhìn-chruithneachd; tabhartas-bìdh a‑ghnàth, le òrdagh sìorraidh don Tighearna.
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ma bheir an t‑uachdaran tìodhlac do aon air bith de a mhic, bidh a shealbh sin aig a mhic; bidh a shealbh aca mar oighreachd.
Ach ma bheir e tìodhlac do aon de a sheirbhisich, an sin bidh e aigesan gu bliadhna na saorsa: na dhèidh sin tillidh e a‑chum an uachdarain; ach bidh oighreachd aig a mhic dhaibh fhèin.
A thuilleadh air seo cha ghabh an t‑uachdaran de oighreachd an t‑sluaigh le ainneart, a‑chum an tilgeadh a‑mach as an seilbh: ach bheir e da mhic oighreachd as a sheilbh fhèin: a‑chum nach bi mo shluagh-sa air an sgapadh gach aon o a sheilbh.
Na dhèidh sin thug e mi tron fhosgladh, a bha aig taobh a’ gheata, gu seòmraichean naomha nan sagart, a bha ag amharc ri tuath; agus, feuch, bha àite an sin aig oisinn na h‑àird an iar.
An sin thubhairt e rium, Seo an t‑àite anns am bruich na sagartan an ìobairt-easaontais, agus an ìobairt-pheacaidh, far am fuin iad an tabhartas-bìdh: a‑chum nach toir iad a‑mach iad gus a’ chùirt a‑muigh, gus an sluagh a naomhachadh.
An sin thug e a‑mach mi gus a’ chùirt a‑muigh, agus thug e orm gabhail seachad air ceithir oisnean na cùirte; agus, feuch, bha cùirt anns gach aon oisinn den chùirt.
Ann an ceithir oisnean na cùirte bha cùirtean ceangailte rithe, dà‑fhichead làmh-choille air fad, agus deich-ar‑fhichead air leud: bha na ceithir oisnean seo de aon tomhas.